Notes for teachers on a Gaelic language geography resource about transport in the Western Isles.

Còmhdhail



Tha an sgrùdadh a' rannsachadh chuspairean co-cheangailte ri bhith a' giùlain dhaoine agus stuth.

Tha an sgrùdadh stèidhichte ann an Alba agus tha e a' coimhead ri cuspairean co-cheangailte ri còmhdhail air eileanan iomallach. 'S iad na h-eileanan a tha san sgrùdadh: an t-Eilean Sgitheanach, Barraigh, Beinn na Fadhla, Èirisgeigh agus Uibhist a Tuath.

Tha cruinneachadh de bhidiothan goirid anns an rannsachadh agus gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air na h-ìomhaighean. Tha iad seo air an dearbhadh air a' chlàr gu h-ìosal. Tha gach bhidio a' coimhead ri diofar sheòrsa de chòmhdhail agus tha iad air an lìbhrigeadh le sgoilearan. Tha fo-thiotalan an lùib gach bhidio agus faodar an cur dheth no air.

Tha na cuspairean ris a bheilear a' coimhead a' gabhail a-steach:

  • • A' coimhead ri bàt'-aiseig an Eilein Sgitheanaich agus an dreuchd a bh' aige ann a bhith a' toirt ceangail còmhdhail eadar an Eilean Sgitheanach agus tìr mòr.
  • • A' rannsachadh cho cudromach 's a bha Drochaid an Eilein Sgitheanaich agus an dreuchd a bh' aice ann a bhith a' ceangal an Eilein Sgitheanaich ri Tìr Mòr.
  • • Buaidh chabhsair Èirisgeigh a tha ceangal an eilein ri Uibhist a Deas 's na h-eileanan tuath air.
  • • An lìonra de ròidean singilte a th' ann an Uibhist.

Tha cuideachd cruinneachadh de bhidiothan goirid ann a tha a' toirt eisimpleirean de dhiofar sheòrsaichean còmhdhail a tha rim faotainn air feadh an t-saoghail. Tha seo gus dealbh nas fharsainge a thoirt air a' chuspair. Gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air ìomhaigh an t-saideal air an sgrion.

CUSPAIRBHIDIOTHAN COTHROMAN ÈISTEACHD
Còmhdhail

Faigh a-mach mu chòmhdhail air feadh an t-saoghail Diofar sheòrsaichean còmhdhal le beachdan mu bhuannachdan agus cnapan-starraidh

Faigh a-mach tuilleadh mu chòmhdhail anns na h-Eileanan Siar Seallaidhean nan eilean agus na h-àrainneachd

Thig agus faic cuid de na daoine a choinnicheas tu anns na h-Eileanan Siar Diofar sheòrsaichean còmhdhal a tha muinntir an àite a' cleachdadh.

Faigh a-mach mun drochaid dhan Eilean Sgitheanach Fiosrachadh mun drochaid, cìsean agus aiseigean.

Faigh a-mach mu chòmhdhail ann an ceàrnaidhean eile den t-saoghal

Bhidio 1: Faigh a-mach mu bhith a' dol dhan sgoil bho Eilean Ulbha

Bhidio 2: Faigh a-mach mun eilean Breatannach Tristan da Cunha

Bhidio 3: Faic mar a dh'atharraich còmhdhail sna h-Eileanan Galapagos

Faic mar a gheibh càraichean tarsainn an uisge ann an Uibhist A' siubhal a Bheinn na Faoghla à Èirisgeigh agus à Uibhist a Tuath

Faigh a-mach mar a bhios parsail air a lìbhrigeadh a Bharraigh:

  • - air plèana
  • - air aiseag

Èist ri na th' aig daoine ri ràdh mu Dhrochaid an Èilein Sgitheanaich

Èist ri na th' aig daoine ri ràdh mu aiseag an Eilein Sgitheanaich

Èist ri na th' aig daoine ri ràdh mu sgèith a Bharraigh

Èist ri na th' aig daoine ri ràdh mun aiseag à Barraigh

Èist ri na th' aig daoine ri ràdh mu ròidean Uibhist

Èist ri na th' aig daoine ri ràdh mu chabhsairean Uibhist



Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.