Notaichean pàrant Sinne, làrach-lìn de stuthan foghlam Cruinneòlas.
Tha bhidiothan agus fuaim a' toirt seachad fiosrachadh tha a' buintinn ri diofar dhaoine, àitichean agus dòigh-beatha tro dhiofar chuspairean. Dh'fhaodadh e a bhith air a chleachdadh mar ghoireas rannsachaidh agus airson leudachadh air briathrachas Ghàidhlig. Tha fo-thiotalan rim faighinn airson gach rud.
Tha dèideag bhidio cuideachd air an làraich a bheir don neach-ionnsachaidh earrannan bhidio bho na goireasan bhidio san sgrùdadh. An uair sin faodaidh iad ceòl agus fo-thiotalan a chur ris a' bhidio agus a chluich. Chaidh a' ghnìomh a dhealbh gus cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh le diofar ìrean comais agus roghainn obrachaidh.
'S e prògram foillseachaidh mullach-deasca a th' anns an Iris. Bheir e cothrom don neach-ionnsachaidh duilleag iris, postair no pròiseact a chruthachadh mu chuspair sam bith bhon sgrùdadh air a bheil iad a' meòrachadh.
A' sàbhaladh obairIs urrainn do neach obair bhon dèideag-bhidio no bhon Iris a shàbhaladh. Cha bhi an obair air a shàbhaladh ach air a' choimpiutair far an do shàbhail iad e agus is ann dìreach bhon inneal sin a thèid aca air fhaicinn a-rithist. Ma tha tòrr phìosan mòra de dh'obair air a shàbhaladh air an aon choimpiutair, dh'fhaodadh bogsa a thighinn air an sgrion a' faighneach don luchd-cleachdaidh a bheilear ag iarraidh barrachd cuimhne air a' choimpiutair. Feumaidh luchd-cleachdaidh aontachadh ri seo mus tèid aca air obair a bharrachd a shàbhaladh.
RoghainneanFaodaidh luchd-cleachdaidh am putan roghainnean a bhruthadh airson:
• meud teacsa agus dathan na sgrion atharrachadh• èisteachd ri teacsa air a leughadh a-mach
• fo-thiotalan a shuidheachadh airson an fhuaim is nam bhidiothan.
Dh'fhaodar am meur-chlàr a chleachdadh cuideachd airson gluasad tron stuth.
Tha an stuth a' ceangal gu soirbheachail leis a' churraicealam ùr, Curraicealam airson Sàr-mhathais. Tro na bhidiothan, chithear eisimpleirean de luchd-ionnsachaidh soirbheachail, com-pàirtichean buadhach, saoranaich ciallach agus daoine misneachail. 'S iad clann à gach àite a tha gar stiùireadh tro na cuspairean. 'S ann air na cuspairean seo a tha an làrach stèidhchte agus gheibhear cuideachd criomagan bhidio le blas eadar-nàiseanta air gach cuspair.
| CUSPAIR | ÀITE | BHIDIOTHAN COIMEIS |
| Còmhdhail | Barraigh | A' dol dhan sgoil à Eilean Ulbha, Dòigh-beatha air Tristan da Cunha, Na h-eileanan Galapagos. |
| Ath-chuairteachadh | Èirinn a Tuath | Ag ath-chuairteachadh chàraichean ann an Ciùba, Mar a nithear mathachadh-gàrraidh, Dè bhios a' tachairt ri badain? |
| Tuineachadh | A' Chuimrigh | Dòigh-beatha ann am Mongolia, Dòigh-beatha ann an Hong Kong, Favelas ann am Brasil. |
| Biadh | Birmingham | A' dèanamh seòclaid, Biadh a gheibhear gu nàdarra, Biadh aig tachartasan sònraichte. |
| Turasachd | Mallorca, An Spàinn | Himalayas agus Machu Picchu, Mar a tha saor-làithean ann am Breatainn air atharrachadh, Tachartasan le tòrr dhaoine. |
| Crìochan | A' Phòlainn | Ameireaga agus Meacsago, Cìopras, Dùthaich nan Basgach. |
Tha stuth na làraich a' buintinn ri iomadh cuspair anns a' churraicealam mar cànan, cuspairean sòisealta, saidheans agus foghlam crèideimh am measg feadhainn eile.
Nam biodh sibh airson ùidh a ghabhail ann an ionnsachadh na làraich, dh'fhaodadh na ceistean a leanas a bhith cuideachail airson an còmhradh a thòiseachadh:
Còmhdhail
• Saoil carson a bha drochaid an Eilein Sgitheanaich air a togail?
• Dè na buannachdan is na cnapan-starraidh a bhiodh an lùib a' bhàt'-aiseig?
• Co ris a tha ròidean nan eilean coltach seach ròidean eile?
• Ciamar a b' urrainn dhuinn barrachd ath-chuairteachadh a dhèanamh?
• Dè na seòrsa rudan a b' urrainn dhuinn ath-chuairteachadh?
• Ciamar a b' urrainn dhuinn misneachd a thoirt do dhaoine eile airson ath-chuairteachadh?
• Saoil co ris a bhiodh e coltach fuireach ann an eco-coimhearsneachd?
• Dè a b' fheàrr a chòrdadh riut agus dè bhiodh tu ag ionndrainn?
• Saoil carson a dh'atharraich Port Talbot anns na dòighean sna dh'atharraich e?
• Dè na buannachdan agus dè an call a bhiodh an lùib lotaichean?
• Ciamar a tha Fairtrade ag obair?
• Dè na diofar seòrsaichean bìdh a tha co-cheangailte ri diofar dhùthchannan?
• Ciamar as urrainn dhuinn Alba a mholadh do dhaoine eile?
• Dè na rudan as fheàrr mu Alba?
• Ciamar as urrainn dhuinn ur n-àrainneachd a dhìon?
• Carson a tha crìochan ann?
• Dè na diofar chrìochan a th' ann am Breatainn?
• Co ris a bhiodh e coltach a bhith a' fuireach faisg air crìoch?