Fiosrachadh Cairtean Saidheans

Fiosrachadh Cairtean Saidheans 61-75



Anns a' chlàr chithear cuspair agus fiosrachadh gach cairt. Tha eadar-theangachadh cuid de na facail a leanas agus facail feumail eile rim faighinn air an duilleag Briathrachas Saidheans.

CAIRTFIOSRACHADH
  • Magma

Domhainn san talamh bidh creagan a' fàs cho teth 's gun tionndaidh iad nan lionn. 'S e magma a chanar ris an lionn seo. Uaireannan snighidh magma a-mach. 'S e bholcàno a chanar ris an àite far an tachair seo. 'S e làbha a chanar ris a' mhagma snighidh seo. Thig e a-mach aig teòthachd suas ri mìle agus dà cheud puing Celsius.

  • Pronnasg
  • Sulphur

Tha cuid a stuthan a loisgeas gu furasta. Tha ceimic ris an canar pronnasg air bàrr maidse. Nuair a thèid maids a shuathadh air pàipear-gainneimh garbh nì lùth-shuathaidh am pronnasg teth agus thèid e na theine.

  • Maorach
  • Molluscs

'S e maorach a th' ann an ochd-bhallaich, gibearnaich, ruagairean is seilcheagan. 'S e beathaichean le cuirp bhog, gun chnàmhan a th' ann am maorach. Bidh maorach a' tarraing anail tron craicnean. Ma thiormaicheas na craicnean aca bàsaicheadh iad. Tha còrr air 50, 000 seòrsa maoraich ann.

  • Meidh-chothrom
  • Scale/balance
T

omhais do chuideam air meidh-chothrom. Ma bhruthas tu nas motha air a' mheidh, dè thachras? Ma bhruthas tu nas lugha air a' mheidh, dè thachras?

  • Meirg
  • Rust

'S e meatailt cruaidh, làidir a th' ann an iarann, ach, thar ùine, bheir èadhar agus boinneagan beaga uisge san àile air a' mheatailt atharrachadh gu fùdar orains bristeach ris an canar meirg. Meirgidh cuid de mheatailtean, agus cha mheirg cuid eile. Feuch fhèin e: cuir rudan beaga meatailt air nach eil feum agad tuilleadh mar greimearan-pàipeir, tacaidean no buinn airgid ann an àite tais. An ceann seachdain, a bheil gin dhiubh air meirgeadh?

  • Mialan-coille
  • Woodlice

'S toigh le mialan-coille, ruagairean, seilcheagan agus boiteagan a bhith ann an àiteachan tais. Tha cuirp nam mial-choille còmhnard, ugh-chruthach agus mu 16 mìlemeatair a dh'fhaid. Tha sin beagan nas lugha na bonn 5 sgillinn. Bidh ruagairean agus seilcheagan gan cumail fhèin fliuch le bhith gan còmhdach fhèin le làthach. Ann an àite den aon mheud ri raon ball-coise, dh'fhaodadh uiread ri còig millean boiteag a bhith san talamh. Feuch fhèin e: lorg meanbh-bhiastagan anns a' ghàrradh no anns a' phàirc. Iarr air inbheach do chuideachadh a' coimhead fo chlachan agus logaichean. Lorgaidh tu mòran bhiastagan an sin. Cuimhnich gun cuir thu a h-uile càil air ais mar a fhuair thu e.

  • Muilnean-gaoithe
  • Wind-turbines

'S e muilnean-gaoithe famhaireach airson dealan a dhèanamh a th' ann an sparrairean gaoithe. Bidh a' ghaoth a' sèideadh nan lannan mòra ann an cearcaill. Tha innleachd sa mheadhan a' tionndadh a' ghluasaid seo gu cumhachd dealain. Tha na lannan air chumadh gus an glac iad a' ghaoth. Mar as luaithe a thèid iad timcheall 's ann as motha dealain a gheibh sinn.

  • Ràithean
  • Seasons

Mar a tha an talamh a' gluasad mun ghrèin tha na tha sinn a' faighinn de sholas is de theas ag atharrachadh. Bidh sinn a' roinn nan atharrachaidhean sin ann an ràithean: samhradh, geamhradh, earrach is foghar. Faisg air na pòlaichean cha bhi a' ghrian a' dol fodha as t-samhradh, is cha bhi i ag èirigh sa gheamhradh. Cha mhòr nach eil gach nì beò ag atharrachadh le na ràithean. Ciamar tha thu a' smaoineachadh tha sinne ag atharrachadh?

  • Nathair
  • Snake

Bidh nathair a' sìomanaich nuair tha i a' gluasad. Bidh aon phàirt de chorp a' bruthadh pàirt eile. Tha na bruthaidhean eadar-dhealaichte a' toirt air an nathair gluasad air adhart. 'S e am Mamba Dubh Afragànach an nathair as luaithe air an t-saoghal. Snìomhanaichidh i cho luath ri naoi-deug cilimeatairean san uair.

  • Nid
  • Nests

Bidh eòin eadar-dhealaichte a' togail nid eadar-dhealaichte. Bidh iad gan togail le iomadach seòrsa rud, leithid bhioran, còinnich is itean. Ach cha bhi a h-uile eun a' togail nead sna craobhan, is fheàrr le cuid an togail air mullaich thaighean.

  • Pàipear
  • Paper

Tha pàipear air a dhèanamh a-mach à fiodh. Tha diofar sheòrsachan pàipeir air an cleachdadh airson diofar rudan. Tha cuid de phàipear dèante airson a bhith bog, mar pàipear-toileit, cuid airson uisge a shùghadh, mar phàipear-cidsin, agus cuid eile làidir agus uisge-dhìonach, mar pacaidean bainne. Feuch fhèin e: cruthaich do phàipear fhèin. Iarr air inbheach do chuideachadh. Dèan frèam le sgaoileadh seann stocainnean-teann tarsainn air hangar-aodaich meatailt. Obraich pìosan pàipear-naidheachd agus beagan uisge ann an inneal-measgachaidh gus am bi e mìn. Iarr seann bhobhla air inbheach agus cuir làn spàin de ghlaodh geal agus boinneag dath bidhe na mheasg. Còmhdaich am frèam leis an stuth seo. Nuair a bhios an t-uisge gu lèir air sìoladh, fàg am frèam ann an àite sàbhailte gus an tiormaich e. Nuair a bhios e gu math tioram faodaidh tu am pàipear a rinn thu a thoirt dheth agus sgrìobhadh air.

  • Deoch liomaid
  • Lemonade

'S e lionn a th' ann an deoch-liomaid. Tha e ruitheach agus bidh e a' dol gu cumadh an t-soithich sa bheil e. 'S e stuth tàthte a th' ann an deigh. Bidh e a' fuireach san aon chumadh. 'S e gas a tha anns na puilmeanan ann an deoch-liomaid. Tha iad nas aotruime na an lionn, agus bidh iad a' deann-ruith suas tron deoch-liomaid an coinneamh na h-èadhair. Feuch fhèin e: faigh glainne uisge agus sràbh. Cuir an sràbh dhan uisge agus sèid innte. Am faic thu an èadhar a' dol tron lionn?

  • Pìoban uisge
  • Burst pipe

Tha uisge a' reothadh aig neoni puing Celsius. Bidh a' chuid as motha de rudan a' fàs nas lugha nuair a reothas iad. Ach tha uisge àraid, bidh e a' leudachadh.

  • Plèanaichean
  • Aeroplanes

'S e nàdar de lùth-shuathaidh a th' ann an aghaidheachd èadhair. Tha plèanaichean air an dèanamh le cumadh rèidh gus an tèid èadhar tromhpa gu furasta. B' e an X-15, a ràinig seachd mìle dà cheud seachdad 's a ceithir cilimeatairean san uair ann an naoi ceud deug seasgad 's a seachd am plèana le paidhleat bu luaithe. Aig an astar sin, cha toireadh e ach còig uairean gu leth a' siubhal timcheall an t-saoghail.

Anns a' chlàr chithear cuspair agus geàrr-chunntas de fhiosrachadh nan càirtean dèanaidh. Dh'fheumar moladh dhan chloinn a bhith mothchail mu shàbhailteachd gach obair phractaigich agus a bhith cinnteach gu bheil inbheach còmhla riutha.






Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.