Fiosrachadh nan Cairtean Saidheans

Fiosrachadh Cairtean Saidheans 46-60



Anns a' chlàr chithear cuspair agus fiosrachadh gach cairt. Tha eadar-theangachadh cuid de na facail a leanas agus facail feumail eile rim faighinn air an duilleag Briathrachas Saidheans.

CAIRTFIOSRACHADH
  • Frìdean-maide
  • Stick-insects

Tha frìdean-maide a' coimhead coltach ri biorain. Ma sheasas iad gun ghluasad tha e doirbh do bheathaichean is eòin am faicinn. Le bhith a' dèanamh seo, sàbhailidh am frìde iad fhèin bho bhith air an ith. 'S ann à Afraga a bhios iad a' tighinn ach bidh daoine gan cumail mar pheataichean.

  • Frisbee

Tha cumadh frisbee ga chuideachadh a' sgèith, dìreach mar sgiath eòin. Ach chan eil frisbee seasmhach mur eil e a' cur charan. 'S e an Suaineach Christian Sandstrom a thilg frisbee an t-astar a b' fhaide anns an t-saoghal. Ann an dà mhìle 's a dhà, thilg e fear dà cheud agus coagad meatair. Feuch fhèin e: dè cho fad 's a thilgeas tu fhèin frisbee? Dè ma thilgeas tu e gun car a chur ann? Dèan nòta de na toraidhean agad.

  • Fungas
  • Fungus

'S e fungas a th' ann am balganan-buarach agus ann am molldairean. Cha bhi iad a' biadhadh air solas-grèine bidh iad a' deoghal beatha à lusan eile is eadhon à beathaichean. Tha a' chuid mhòr den fhungas falaichte fon talamh, no am broinn an nì beò air a bheil e a' fàs. Chan fhaic thu ach a mheas. Fàsaidh pìosan snàithleanach de fhungas suas gu aon cilimeatair ann an latha. Tha sin cho fada ri deich raointean ball-coise.

  • Fungas
  • Fungus

Cha bhi fungas leithid balganan-buarach an-còmhnaidh a' fàs air rudan beò. 'S toigh le cuid de fhungas a bhith beò ann an àiteachan a shaoileas sinne tha uabhasach is grod. An dèidh do bheathach an spòran beaga sìolach ithe, gluaisidh iad tro chorp a' bheathaich is crìochnaichidh iad na chuid shalchair. Tha tòrr rudan matha ri ithe san t-salchar agus is deagh thoigh le cuid de dh'fhungas seo.

  • Glainne
  • Glass blowing

A bheil fhios agad gur ann bho gainmheach a tha glainne a' tighinn? Feumaidh tu gainmheach a theasachadh gu faisg air dà mhìle puing Celsius airson a leaghadh. Tha sin ochd tursan nas teotha na àmhainnean cidsin. Aon uair 's gu bheil a' ghainmheach na lionn glaodhach faodaidh tu pìob a chur ann is a shèideadh ann an cumaidhean eadar-dhealaichte. Nuair a dh'fhàsas a' ghlainne fionnar bidh i cruaidh is brisg.

  • Lùth-suathaidh
  • Friction

Tha lùth-suathaidh a' cumail rudan gun ghluasad gu furasta nuair a shuathas dà uachdar ri chèile. Nì roilearan no cuibhleachan e nas fhasa rudan troma a ghluasad. Feuch fhèin e: sàth leabhar trom tarsainn air bòrd. A-nis cuir peansailean fon leabhar agus sàth a-rithist e. An robh e na b' fhasa an leabhar a ghluasad?

  • Gob nan eòin
  • Beak-shapes

Tha eòin ann de dhiofar cumaidh agus meud, agus ag ithe diofar seòrsa bidhe. Ma tha gob goirid, tiugh air, bidh e ag ithe sìl. Gob goirid, biorach? Bidh e ag ithe fhrìdean. Casan fada agus gob fada? Bidh e ag ithe iasg agus losgannan. Gob mòr, mar dubhan? Bidh e ag ithe luchan agus eòin nas lugha. Feuch fhèin e: seall ri na h-eòin anns a' ghàrradh, an raon-cluiche no anns a' phàirc. An aithnich thu dè bhios gach eun ag ithe?

  • Gyroscopan
  • Gyroscope

Seallaidh an diosg snìomhach ann an gyroscope forsaichean àraid. Ma phutas tu e, is e a' snìomh, gluaisidh e air ais gu phuing sònraichte. Bithear a' cleachdadh gyroscopan ann an innealan-stiùiridh shoithichean - fuirichidh iad dìreach ge bith dè a thachras.

  • Ìomhaigh fo-dheargte
  • Thermal-imaging

Chì thu cho teth 's a tha rud le bhith a' togail dealbh sònraichte dheth. 'S e ìomhaigh fo-dheargte a tha seo is tha i a' sealltainn teth is fuar mar dhathan eadar-dhealaichte. An tomhais thu dè na h-ìomhaighean a tha teth is dè an fheadhainn tha fuar?

  • Leumadair-pòla
  • Pole-vault

Ruithidh leumadair-pòla is bruthaidh e pòla gu teann dhan talamh. Lùbaidh seo am pòla agus ann a dhol dìreach a-rithist, bruthaidh e an leumadair àrd dhan èadhar is thairis air a' bhàr. Tha Sergey Bubka, às an Ùcràin, clàraichte mar an leumadair as fheàrr san t-saoghal.

  • Lionntan
  • Liquids

Tha lionntan, leithid uisge, ruitheach. Bidh iad a' sileadh is a' sruthadh sìos bruthach gus an ruig iad an t-àite as ìsle a gheibh iad. Ma chuireas tu lionn ann an soitheach, sgaoilidh e gu cumadh an t-soithich. Gabhaidh e cumadh botail ann am botal, is cumadh locha ann an loch.

  • Loban
  • Bobsleigh

'S e neart a bheir air rudan slaodachadh a th' ann an lùth-shuathaidh. Nuair bhios loban a' siubhal air raon-rèis reòthte, bidh na farpaisich airson cho beag lùth-shuathaidh is a ghabhas. Tha seo a' toirt air an loban a dhol nas luaithe. Faodaidh lùth-shuathaidh a bhith math is dona. Tha e an urra ri na thu airson a dhèanamh. Mura biodh lùth-shuathaidh ann cha stadadh an loban gu bràth.

  • Lòn
  • Puddle

Nuair a thiormaicheas lòn, cha bhi e a' dol à sealladh. Tha an t-uisge a' tionndadh na ghas. Tha an t-aon rud a' tachairt le lionntan eile. Feuch fhèin e: cuir lòn de lionntan eadar-dhealaichte mar uisge, ola glasraich no siampù ann an diofar shàsaran. Dè an lionn as luaithe a thiormaicheas? Ciamar a dhèanadh tu seo na dheuchainn chothromach?

  • Lusan flùranach
  • Flowering plants

Bidh lusan flùranach a' cleachdadh boltrach is dathan boillsgeach airson seilleanan a thàladh. Tha na seilleanan a' lorg neachtar, a tha a' sileadh bho mheadhan gach flùir. Nuair a thadhaileas seillean air flùra bidh e còmhdaichte le fùdar sònraichte ris an canar poilean. Thèid seo a thoirt gun ath fhlùra is cuidichidh e an lus a' dèanamh sìl ùra.

  • Duilleagan uaine
  • Green leaves

Mura faigh lusan uaine gu leòr solas-grèine, thèid na duilleagan aca buidhe. Feuch fhèin e: geàrr a-mach ciad-litrichean d' ainm à pàipear agus steig iad le teip trìd-shoilleir ri duilleig uaine air lus. An ceann timcheall air seachdain, thoir dheth am pàipear agus chì thu na ciad-litrichean agad ann am buidhe air an duilleig uaine.

Anns a' chlàr chithear cuspair agus geàrr-chunntas de fhiosrachadh nan càirtean dèanaidh. Dh'fheumar moladh dhan chloinn a bhith mothchail mu shàbhailteachd gach obair phractaigich agus a bhith cinnteach gu bheil inbheach còmhla riutha.






Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.