20mh linn / Ruaraidh MacThòmais

Bàrdachd - Nuair a Dh'fhalbhas A' Ghàidhlig

Dàn 4

Seo eisimpleir de na dàin ghoirid, eirmseach a tha MacThòmais air a bhith a' sgrìobhadh anns na bliadhnaichean mu dheireadh. Tha dibhearsain agus gearradh-cainnte san dàn seo ach tha puing chudromach aig a bhun.


Ma thèid a' Ghàidhlig à bith mar a rinn na dìneasaran, tha e ag ràdh, bidh a closach a' lobhadh anns an talamh gus an lorg luchd-saidheans mu dheireadh na tha air fhàgail dhi. Feuchaidh iad ri dealbh fhaighinn air co ris a bha a' Ghàidhlig coltach on bheagan DNA a bhios air fhàgail. Saoil an robh e a' smaoineachadh air 'Jurassic Park' far an deach dìneasaran ath-chruthachadh o bhloighean DNA? 'S dòcha, tha MacThòmais ag ràdh gun dèan iad a-mach pìosan de òrain, ùrnaighean no bàrdachd agus cuiridh iad ri chèile dealbh air choreigin den Ghàidhlig on na bloighean fiosrachaidh sin.


Mar as àbhaist tha MacThòmais a' dèanamh feum de iomadh alt sgrìobhaidh anns an dàn seo. Samhlaidhean – na clachan a thilg iad air an dìneasar, a' riochdachadh na buillean a thug daoine dhan Ghàidhlig. Ìoranas - tha an fheadhainn a leig leatha bàsachadh a-nise a' ràdh gun do chuir a' Ghàidhlig 'ìomhaigh air an dùthaich'. Aoireadh – 'hò-ro-gheallaidh' nam pàipearan-naidheachd.


A thaobh na puinge cudromaiche a tha aig bun an dàin, tha MacThòmais, a rèir choltais, a' feuchainn ri toirt oirnn smaoineachadh air gu faodadh an cànan againn a dhol à bith cho cinnteach is a chaidh na dìneasaran. Agus, ma thèid, nach tig i a-chaoidh air ais.


Nuair a Dh'fhalbhas A' Ghàidhlig

  • Nuair a dh'fhalbhas a' Ghàidhlig
  • bidh dìneasar eile againn ann an Albainn,
  • a' breothadh fon a' mhòine
  • nach eil ga buain tuilleadh,
  • no a' cùmhnadh an DNA
  • fo na clachan a chaidh a thilgeil
  • air a mhuin.
  • Ach ann am mìle bliadhna eile
  • dùisgidh luchd-saidheans is feallsanaich
  • a' chlosach às a' ghainmhich
  • 's bidh hò-ro-gheallaidh
  • aig na pàipearan-naidheachd
  • (ma bhios an leithid ann)
  • ag innse mar a chuir a' bhrùid sin
  • ìomhaigh air an dùthaich,
  • 's leis an teicneòlas ùr
  • cluinnidh iad corra òran
  • a' strì ri ùrnaigh,
  • is bloighean bàrdachd
  • ag èirigh às an t-seann ùir sin.

Nuair a Dh'fhalbhas A' Ghàidhlig

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithris Nuair a Dh'fhalbhas a' Ghàidhlig

Ruaraidh MacThòmais ag aithris an dàn, Nuair a Dh'fhalbhas a' Ghàidhlig.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Ruaraidh MacThòmais

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.