20mh linn / Ruaraidh MacThòmais

Bàrdachd - Clann-nighean an Sgadain

Tha a' bhàrdachd seo mu dheidhinn nam boireannach às Na h-Eileanan a bhiodh aig aon àm a' dol gu iasgach an sgadain air Tìr-Mòr. Anns a' bhàrdachd tha:tuairisgeul air na boireannaich (m.e. an coltas); ìomhaighean air an tarraing à saoghal obrach nam boireannach; cànan agus rithim air an cleachdadh gu sgileil; teachdaireachd; agus mu dheireadh ìoranas.


Nuair a sheallas tu fo na cinn sinn uile, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


DEALBH

Clann-nighean an Sgadain

DEALBH

Clann-nighean an Sgadain

Clann-nighean an Sgadain

  • An gàire mar chraiteachan salainn
  • ga fhroiseadh bhom beul,
  • an sàl 's am picil air an teanga,
  • 's na meuran cruinne, goirid a dhèanadh giullachd,
  • no a thogadh leanabh gu socair, cuimir,
  • seasgair, fallain,
  • gun mhearachd,
  • 's na sùilean cho domhainn ri fèath.
  • B' e bun-os-cionn na h-eachdraidh a dh'fhàg iad
  • 'nan tràillean aig ciùrairean cutach,
  • thall 's a-bhos air Galldachd 's an Sasainn.
  • Bu shaillte an duais a thàrr iad
  • às na mìltean bharaillean ud,
  • gaoth na mara geur air an craiceann,
  • is eallach a' bhochdainn 'nan ciste,
  • is mara b' e an gàire
  • shaoileadh tu gu robh an teud briste.
  • Ach bha craiteachan uaille air an cridhe,
  • ga chumail fallain,
  • is bheireadh cutag an teanga
  • slisinn à fanaid nan Gall –
  • agus bha obair romhpa fhathast
  • nuair gheibheadh iad dhachaigh,
  • ged nach biodh maoin ac':
  • air oidhche robach gheamhraidh,
  • ma bha siud an dàn dhaibh,
  • dhèanadh iad daoine.

Clann-nighean an Sgadain

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithris Nuair a Dh'fhalbhas a' Ghàidhlig

Ruaraidh MacThòmais ag aithris an dàn, Nuair a Dh'fhalbhas a' Ghàidhlig.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Ruaraidh MacThòmais

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.