20mh linn / Ruaraidh MacThòmais

Bàrdachd - An Tobar

Dàn 3

Bha an tobar cudromach ann an beatha dhaoine air a' Ghàidhealtachd aig aon àm. A bharrachd air a bhith a' toirt uisge glan dhaibh, anns na seann làithean bha cuid den bheachd gun robh tobraichean beannaichte agus fiù 's às dèidh sin bha beachd ann gun robh cumhachd leighis aig cuid dhiubh.


Anns an dàn seo, tha Ruaraidh MacThòmais a' tarraing air an dualchas sin ach chan ann mu thobar cheart dha-rìribh a tha e a' bruidhinn idir an seo. 'S ann a tha e a' cleachdadh tobar mar shamhla air rud prìseil ann am beatha nan Gàidheal – taobh cruthachail, adhartach, spioradail de nàdar a' Ghàidheil 's dòcha, a tha ann an cunnart a dhol à seàlladh.


Tha ìomhaigh eile sa chiad rann, 's e sin sùilean na caillich a dh'innis dha mun tobair. Tha na sùilean coltach ris an tobar agus tha na preasan air a h-aodann mar an raineach. Tha na sùilean a' samhlachadh 'sireadh' agus 'rùintean', faireachdainn agus dòchas, ach tha an aois gan dùnadh mar a tha an raineach air an tobar a dhùnadh.


Anns an dara earrainn den dàn tha MacThòmais a' bruidhinn air na buadhan a bha aig an uisge ud. Bha e brèagha agus comasach air cridhe briste a shlànachadh no air beatha ath-nuadhachadh, rudhadh a thoirt air ais a ghruaidhean na caillich, mar eisimpleir.


Fhuair e deoch de uisge an tobair dhan chaillich ach nuair a chaidh e air ais ann cha robh sgeul air an tobar agus chan eil e nise cinnteach an robh i riamh ann. Tha a' phàirt seo de ar dualchas, 's dòcha fiù 's ar dualchas gu lèir, an cunnart a dhol à sealladh, tha e ràdh.


Ach, ged a tha e a' coimhead coltach gur e sin a' prìomh theachdaireachd, tha MacThòmais an seo, mar as àbhaist dha, dìreach a' cur ìomhaighean far comhair a ghabhas tuigsinn ann am barrachd air aon dòigh agus ga fhàgail againn ar brìgh fhèin a thoirt asta.


An Tobar

  • Tha tobar beag am meadhan a' bhaile
  • 's am feur ga fhalach,
  • am feur gorm sùghor ga dhlùth thughadh,
  • fhuair mi brath air bho sheann chaillich,
  • ach thuirt i, "Tha 'm frith-rathad fo raineach
  • far am minig a choisich mi lem chogan,
  • 's tha 'n cogan fhèin air dèabhadh."
  • Nuair sheall mi 'na h-aodann preasach
  • chunnaic mi 'n raineach a' fàs mu thobar a sùilean
  • 's ga fhalach bho shireadh 's bho rùintean,
  • 's ga dhùnadh 's ga dhùnadh.
  • "Cha tèid duine an diugh don tobar tha sin,"
  • thuirt a' chailleach, "mar a chaidh sinne
  • nuair a bha sinn òg,
  • ged tha 'm bùrn ann cho brèagh 's cho geal."
  • 'S nuair sheall mi tron raineach 'na sùilean
  • chunnaic mi lainnir a' bhùirn ud
  • a ni slàn gach ciùrradh
  • gu ruig ciùrradh cridhe.
  • "Is feuch an tadhail thu dhòmhsa,"
  • thuirt a' chailleach, "ga b' ann le meòirean,
  • 's thoir thugam boinne den uisge chruaidh sin
  • a bheir rudhach gum ghruaidhean."
  • Lorg mi an tobar air èiginn
  • 's ged nach b' ise bu mhotha feum air
  • 's ann thuice a thug mi 'n eudail.
  • Dh'fhaodadh nach eil anns an tobar
  • ach nì a chunnaic mi 'm bruadar,
  • oir nuair chaidh mi an diugh ga shireadh
  • cha d' fhuair mi ach raineach is luachair,
  • 's tha sùilean na caillich dùinte
  • 's tha lì air tighinn air an luathghair.

An Tobar

Nuair a dh'fhalbhas a' Ghàidhlig

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithris Nuair a Dh'fhalbhas a' Ghàidhlig

Ruaraidh MacThòmais ag aithris an dàn, Nuair a Dh'fhalbhas a' Ghàidhlig.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Ruaraidh MacThòmais

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.