Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Gàrradh Moray Place, an Dùn Eideann
- Duilleagan dubha air an fheur,
- fàileadh searbh na cloiche taise;
- sop odhar de cheò
- ga ìsleachadh mu na craobhan;
- a' coimhead a-mach à bròn,
- mòr-shùilean m' athar;
- duilleag a' snìomh gu làr –
- gluasad m' aigne.
- Mun cuairt, coire thaighean drùidhteach,
- comharra aois glòir-mhiannaich,
- òrduighean cholbh clasaigeach
- nach aithnich laigse san duine.
- Gàrradh tathaichte aig banntraichean
- fàilligeach, neo-eisimeileach,
- a' coiseachd ann an cianalas an làithean,
- an uallaichean ceilte.
- Ach cluinnear an seo gliongartaich
- coilearan chon grinn-cheumnach
- is chithear, fa chomhair nan taighean,
- meanbh-dhuilleagan soilleir
- gan leigeil sìos gu sèimh
- aig a' bheithe chiùin, chuimir.
Gàrradh Moray Place, an Dùn Eideann
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
