Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Dha mo Naoidhean air Ùr-bhreith
- (le spèis do Chatrìona NicGumaraid)
- Bha dùil agam gum biodh tu agam,
- nad phasgan geal nam uchd,
- ri taobh na mara,
- fo na craobhan,
- san domhan àrsaidh ùr …
- 'S ann tha mi gad shlaodadh
- tro John Lewis, Mothercare is Boots,
- an tòir air bath dhut, Pampers,
- pùdar Johnson, sling is pram;
- an aon bhoile a-rithist an-dè:
- air sgàth changing mat 's cotan,
- is an càr air chall oirnn
- sa char-park multi-storey.
- Ach san tìde seo de dh'aodannan
- a' siubhal nan shopping malls
- (fad' o shuaimhneas mara is coille),
- aig check-out is ciudha
- nochdaidh dhutsa
- fàilte is bàidh.
Dha mo Naoidhean air Ùr-bhreith
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
