20mh linn / Dòmhnall Ruadh Chorùna

Bàrdachd - Òran a' Gheòidh

Dàn 4

Tha an dàn seo air a sgrìobhadh ann an cànan lom, shìmplidh a tha nas coltaiche ri cainnt còmhraidh na ri cànan bàrdachd thraidiseanta, ged a tha comhardadh làidir a' ruith troimhe. Tha am bàrd mar gum biodh e dìreach a' bruidhinn rinn an seo, mar a bha e anns na h-òrain a rinn e sa Chogadh.


Anns a' chiad rann tha e ag innse mar a chuala e gèadh a' sgiathalaich seachad os a chionn agus a-mach dhan mhonadh. B' e sealg nan gèadh an cur-seachad a b' fheàrr leis aig aon àm agus bha e math air. Ach tha e nise aosta agus dall. Mar sin, tha fuaim a' gheòidh air sgèith ga fhàgail brònach. No, mar a tha e fhèin ga chur, a' cur sgian na chridhe.


Anns an dara rann tha e ag innse carson a tha seo: gu bheil e dall, lapach agus 'neònach' na cheann. Feumaidh e gabhail ris nach bi e comasach dha a dhol a shealg gu bràth tuilleadh.


Tha an ath dhà rann ag innse co ris a bha e coltach a bhith a' sealg nuair a bha e òg is làidir. Tha an loidhne 'Chuirinn an gèadh na char far a sgiath' a' toirt dhuinn dealbh a tha gu h-àraidh a' glacadh ar n-aire.


Tha am bàrd a' tarraing na bàrdachd gu co-dhùnadh tiamhaidh san rann mu dheireadh: chan eil a dh'fheitheamh air a-nise ach am bàs.


Òran a' Gheòidh

  • Chuala mi 'n gèadh a' tighinn on iar
  • S a-mach dhan an t-sliabh sheòl e –
  • Chaidh siudach mar sgian nam chridhe gu fìor
  • Is dh'fhàg e mo chiall brònach.
  • Tha mise nis dall, cha ghluais mi ach mall,
  • Tha nì na mo cheann neònach;
  • Cha tèid mi dhan ghleann gu Lochan an Fhaing
  • Ged gheibhinn na th' ann còmhla.
  • Mus èireadh a' ghrian ghabhainn-sa sìos
  • Is thiginn air meur sheòlta,
  • Is chuirinn an gèadh na char far a sgiath,
  • Oir bha mi san dreuchd eòlach.
  • Ri sneachd agus fuachd is gailleann on tuath,
  • Bhithinn-s' aig bruaich òbain,
  • Is thiginn mun cuairt dhachaigh mu uair
  • Le tunnagan ruadh Norway.
  • Gun crìochnaich mi an dàn on chaidh mi na dhàil,
  • Gun dùin mi gu bràth m' òran;
  • Tha nitheigin ceàrr a b' àbhaist bhith slàn
  • Na thinnsgeuladh bàis dhòmhsa.

Òran a' Gheòidh

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Bha gaol aig Dòmhnall Ruadh air sealg

Tha mi smaoineachadh gur e an rud a b' fheàrr leis a bhith a' dèanamh na bheatha, gur e a bhith a' sealg. Bhiodh e fhathast a' dol a-mach leis a' ghunna 's gun am fradharc aige uabhasach math agus bhiodh Anna, a bhean, bhiodh caran de dh' eagal oirre gum biodh e a' dol a-mach leis a' ghunna. 'S ged a bha a fhradharc air falbh, bheireadh e a-nuas lach fhathast.

Bha e cho mothachail air a h-uile h-àite a bha timcheall, 's bhiodh e a' smaoineachadh na sheann aois air na h-àiteachan sin gum biodh e a' dol nuair a bhiodh e a' sealg agus nuair a bhiodh e a' coiseachd timcheall.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dòmhnall Ruadh Chorùna

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.