Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
An Eala Bhàn
- Gur duilich leam mar tha mi,
- 'S mo chridhe 'n sàs aig bròn
- Bhon an uair a dh'fhàg mi
- Beanntan àrd a'cheò,
- Gleanntannan a'mhànrain,
- Nan loch, nam bàgh 's nan sròm,
- 'S an eala bhàn tha tàmh ann
- Gach là air bheil mi 'n tòir.
- A Mhagaidh, na bi tùrsach,
- A rùin, ged gheibhinn bàs -
- Cò am fear am measg an t-sluaigh
- A mhaireas buan gu bràth?
- Chan eil sinn uileadh ach air chuairt
- Mar dhìthein buaile fàs,
- Bheir siantannan na bliadhna sìos
- 'S nach tog a' ghrian an àird.
- Tha mise 'n seo 's mo shùil an iar
- On chrom a' ghrian san t-sàl;
- Mo dhùrachd leig mi às a dèidh
- Ged thrèig i mi cho tràth,
- Gun fhios am faic mi màireach i
- Nuair dhìreas i gu h-àrd,
- Is iomairt lann gu bhith ri chèil'
- Nuair 's lèir dhuinn beul an là.
- Tha 'n talamh lèir mun cuairt dhìom
- Na mheallan suas 's na neòil
- Aig na shells a' bualadh –
- Cha lèir dhomh bhuam le ceò;
- Gun chlaisneachd aig mo chluasan
- Le fuaim a' ghunna mhòir;
- Ach ged tha 'n uair seo cruaidh orm,
- Tha mo smuaintean air NicLeòid.
- Air m' uilinn anns na truinnsichean,
- Tha m' inntinn ort, a ghràidh;
- Nam chadal bidh mi bruadar ort,
- Cha dualach dhomh bhith slàn;
- Tha m' aigne air a lìonadh
- Le cianalas cho làn,
- 'S a' ghruag a dh'fhàs cho ruadh orm
- A-nis air thuar bhith bàn.
- Tha mi 'n seo san fhàsach
- Air sliabh a' bhlàir 's mi leònt':
- 'S e 'n nàmhaid rinn mo shàradh
- 'S a chuir saighead cràidh nam fheòil;
- Ach an gaol thug mi dhan mhàldaig,
- A' ghruagach àlainn òg,
- A-nochd chan fhaod mi àicheadh
- Nach e chuir ceàrr mo dhòigh.
- Cha b' urrainn mise innse dhuibhse
- Cliù na h-ìghneig òig;
- Cha b' urrainn bàrd a sgrìobhadh
- Ged a b' innleachdach a dhòigh;
- Aon nì tha mi cinnteach às,
- Mas e 's gun till mi beò:
- 'S ann leamsa bhios an dìleab ud,
- Ged dh'fheumainn strì nan dòrn.
- Mar chanach geal na mòintich
- Tha 'n òigh as àille snuadh;
- Mar ròs a' fàs an gàrradh
- A bilean blàth 's a gruaidh;
- Tha cainnt a beòil cho càirdeil
- 'S gun tàladh i gach sluagh,
- 'S nuair bhios tu sgìth 's tu sàraichte,
- Nì bàidh-se d' àrach suas.
- Teanga ghlan na firinn
- On chrìdh' tha dìreach rèidh,
- Gun fhoill gun cheilg gun àrdan,
- Gach nì as fheàrr na chèil';
- Is ma tha buaidh measg chàich oirr',
- Cha toir i tàir a thèil',
- Mar dhuilleach craoibh a dh'fhàsas
- Air àilleagan nan geug.
- Am fear a gheibh air làimh thu,
- Gur àghmhor e ri bheò;
- 'S e nach fhaod a ràidhtinn
- Gun deach e ceàrr na dhòigh;
- 'S ann leis-san bhios am bàrr
- Dhen a' bhainne bhlàth ri òl,
- 'S gur glan a' chuisl' on tàinig e,
- A ùth na bà sa chrò.
- Mas e 's gu bheil e 'n dàn dhomh
- On bhlàr gun till mi beò
- Is gu faic mi 'n t-àite
- San deachaidh m' àrach òg,
- Bidh sinne 's crathadh làmh againn
- Is bilean blàth toirt phòg,
- 'S mo ghealltanas bidh pàighte dhut
- Le fàinne chur mud mheòir.
- Ach ma thig an t-àm
- Is anns an Fhraing gu faigh mi bàs,
- 'S san uaigh gun tèid mo shìneadh
- Far eil na mìltean chàch,
- Mo bheannachd leis a' ghruagaich,
- A' chaileag uasal bhàn –
- Gach là a dh'fhalbh gun uallach dhi,
- Gun nàire gruaidh na dhàil.
- Oidhche mhath leat fhèin, a rùin,
- Nad leabaidh chùbhraidh bhlàth;
- Cadal sàmhach air a' chùl
- 'S do dhùsgadh sunndach slàn.
- Tha mise 'n seo san truinnsidh fhuair
- 'S nam chluasan fuaim a' bhàis,
- Gun dùil ri faighinn às le buaidh –
- 'S tha 'n cuan cho buan ri shnàmh.
An Eala Bhàn
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
