Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Eubhal
- Tha Eubhal mo ghràidh-sa
- Am bliadhna mar bha i,
- Gun chaochladh na càradh,
- Gu blàth agus ciùin;
- Le aois cha do chnàmh i
- 'S cha d' liath i le ànradh,
- 'S nam fhianais gu h-àrd
- Gu bheil càrnan mo rùin.
- The grìopaichean dìonach
- Le còinnich 's le feusaig,
- A' tàmh annt' tha 'n eunlaith
- 'S fon sgiath an luchd-gaoil;
- Gu h-ìseal san ìochdar
- Tha fuarain gun tìochladh;
- Cha tràigh is cha tiachd iad –
- Tha 'n riabh a' ruith saor.
- Tha d' uillt a' ruith còmhla
- Feadh ghlinn is le leòidean,
- Cha cheannaicheadh an t-òr iad –
- Tha còrr annt' as fhiach;
- B' e m' iarraidh 's mo shòlas
- Gu sìorraidh bhith beò ann
- Ag èisteachd an crònan
- Gu Òbasaidh shìos.
- Mun cuairt dhìot mar dhealbh dhomh,
- 'S mi bruadar do gharbhlaich
- Far am b' eòlach a' sealg mi
- 'S an d' mharbh mi chearc-fhraoich,
- 'S an gèadh air an fhuaradh
- Air blianagan luachrach –
- Gur lìonmhor mo luaidhe
- Sna bruachagan caomh.
- Tha'n cuan is gun tàmh air
- Mud chùlaibh a' càpraid,
- Muir lìonaidh is tràghaidh
- Gach là riut a' strì;
- Tha d' fhìor chreagan làidir
- Le driamlach mun sàiltean,
- Le feusgain is bàirnich
- A' fàs air an druim.
- Far am b' eòlach mo chàirdean
- San t-samhradh air àirigh:
- Bu shaidhbhir a bha iad –
- Buntàt' agus iasg,
- Le ìm is le càise,
- Le uachdar 's le blàthaich,
- Bho cheann Rubha Mhàil
- Dh'ionnsaigh bàgh Sgor nan Cliabh.
- Tha d' uamha gu fuaraidh,
- Gu falachaidh is uaigneach,
- Le sòbhraichean uaine
- Nam buailtean ma beul;
- San anmoch thèid suas innt'
- Na calmain gu 'n cluasaig,
- Gus an tàmh iad gu suaimhneach
- A' duanan ri chèil'.
- Aig sgaradh nan speuran,
- Mar dh'òrdaich E fhèin e,
- Gach aon aca 'g èirigh
- Nuair 's lèir dhaibh na neòil;
- A' sgaoileadh bho chèile,
- Feadh dhùthchannan thèid iad
- Far an d' fhuair iad an-dè rud –
- Tha 'n dèidh airson lòn.
- The leacach an iasgaich
- Gu morghach geal grianach,
- Far 'm b' òg thug mi chiad bhreac
- Air fhiaradh gu tìr –
- Gach ceum bha mi dèanamh
- Gam fhàgail 'n-diugh cianail,
- Is Loch Dùn an t-Siamain
- Cha dìochuimhnich mi.
- Tha 'n coileach 's an fhraoch-chearc
- Fod gheugan le saoirsne –
- Cha chluinn iadsan aonach
- Nan caol chon fon tòir,
- No gàire fhear sunndach
- Cur fàilte le fùdar
- 'S a' caogadh an sùla
- Air chùlaibh nan òrd.
- 'S e dh'fhàg mi cho brònach
- Bhith smaointinn gach òigear
- Chaidh leamsa trod mhòintich
- Dhan deòin is le spèis,
- Le sùgradh is sòlas
- Cur fùdar ri fògradh,
- 'S nach lùb iad am bròg leam
- Nas mò air a' cheum.
- Tha dùil a'm a-màireach,
- Ma nì rium mo shlàint' e,
- 'S an t-sìde nam fhàbhar
- 'S gach càil a bhith leam,
- Gun dìrich mi àrdan
- Na guailne a b' fhearr leam
- 'S gu fàg mi gu bràth
- Soraidh slàn aig do ghrunnd.
Eubhal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
