Tha fiosrachadh na làraich stèidhichte air cuspair imrich. Tha e ag amas air clann a tha ag obair a dh'ionnsaidh an dara agus an treas ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais agus tha e cuideachd freagarrach do sgoilearan air a' chiad agus an dàrna bliadhna den àrd-sgoil.
'S iad na ceithir gnìomhan:
Sgeulachdan Imrich(Leabhraichean-latha)
Leugh dusan leabhar-latha uirsgeulach de sgeòil beatha chlann bhon 19mh agus an 20mh linn. Le dealbhan eachdraidheil agus taic fuaim.

Cruthaich Leabhar-latha
Tha cothrom san earrainn seo ath-dheasachadh a dhèanamh air na tha sgrìobhte anns na Sgeulachdan Imrich, no leabhar-latha a sgrìobhadh dhut fhèin bho thùs.

Mapaichean
Air na mapaichean, den t-saoghail agus den Rìoghachd Aonaichte, tha stòr-data de fhiosrachadh mu imrichean a Bhreatainn agus à Breatainn tron 19mh agus an 20mh Linn.

Cruthaich Map
Cruthaich mapa imrich bhod fhiosrachadh siubhail fhèin.

Fuaim agus Teacsa
Faodaidh luchd-cleachdaidh cliogadh air a' phutan, Roghainnean, airson:
• teacsa an sgrion a chluinntinn ga leughadh a-mach
• fo-thiotalan fhaighinn air a' chuid mhòr den shusbaint
• teacsa an sgrion ath-mheudachadh is atharrachadh a dhèanamh air an teacsa is air na dathan cùil.
Chan fhaighear gu na roghainnean fhad 's a tha thu san earrainn fiosrachaidh dha pàrantan is tidsearan.