Cruthaich Leabhar-latha dhut fhèin.

Cruthaich Leabhar-latha



Cruthaich do leabhar-latha fhèin le bhith a' deasachadh an teacsa a th' ann an leabhar-latha stèidhichte no tòisich fear às ùr. Cleachd na dealbhan a th' anns na leabhraichean-latha eile airson do leabhar-latha fhèin a sgeadachadh no clò-bhuail an duilleag agus dèan do dhealbh fhèin.

Cruthaich Leabhar-latha

Deasaich Leabhar-latha
Airson leabhar-latha stèidhichte a dheasachadh, theirig chun earrainn Cruthaich Leabhar-latha. Cleachd na saigheadan geala gus gluasasd tro na diofar leabhraichean-latha. Cliog an saighead uaine gus fear a thaghadh airson a dheasachadh.

Faodar an t-ainm air còmhdach an leabhair atharrachadh agus an teacsa a tha na bhroinn. Gus dealbh air duilleag atharrachadh, brùth Tagh Ìomhaigh. Tha na dealbhan a tha rim faotainn ann am buidhnean a rèir an leabhair-latha bhon tàinig iad.

Cruthaich leabhar-latha ùr
Airson leabhar-latha ùr a chruthachadh, theirig gun earrainn Cruthaich Leabhar-latha agus cliog air fear den dà leabhar-latha air taobh deas na duilleige. Taidhp ainm air a' chòmhdach agus sgrìobh teacsa airson na duilleagan a lìonadh. Cleachd am putan Tagh Ìomhaigh airson dealbh a thaghadh a thèid air an duilleig dheis.

Nuair a tha thu deiseil, cliog Seall airson an leabhar-latha ùr fhaicinn. Cliog Clò-bhuail airson an leabhar-latha a chlò-bhualadh. Thèid a chlò-bhuaileadh aig meud mòr gu leòr gus duilleag slàn a lìonadh.





Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.