Notaichean Phàrant air leabhraichean-latha eachdraidheil mun bheatha san 19mh agus an 20mh linn.

Sgeulachdan Imrich



Tro sgeulachdan imrich an dusan leabhar-latha, gheibhear thar-sealladh air dòighean-beatha diofar dhaoine anns an dùthaich seo agus thall-thairis aig deireadh an 19mh agus toiseach an 20mh linn. Tha na leabhraichean-latha uirsgeulach ach stèidhichte air tachartasan fìor.

Tha na prìomh chuspairean air a bheil na diofar daoine ag aithris air am mìneachadh anns a' chlàr seo. Dh'fhaodadh gum biodh seo na chuideachadh airson beagan còmhradh a dhèanamh.

Leabhar-latha bho Sgeulachdan Imrich

'S iad an dusan leabhar-latha:

Leabhar-lathaGluasadBliadhnaAdhbharCuspairean Còmhraidh
Ceit O'LoughlinÈirinn gu Liverpool1846A' teiche o bhochdainn• Cor beòshlaint
• Tinneasan agus am buaidh air teaghlaichean
• Am bàs
• Obair
Dòmhnall MacDhaibhidhAlba gu Canada1856Fuadach nan Gàidheal • Duilgheadasan obrach
• Fuadach nan Gàidheal
• Beachdan na h-eaglais
• Obair bàillidh
• Dòighean siubhail a Chanada
• Tinneasan - Cholera, fiabhras
• Eadar-dhealachaidhean eadar dà dhùthaich
Emma HabershawActon, Sasainn gu Manchester, Sasainn1875A' sireadh beatha nas fheàrr• Cor beòshlaint
• Tinneasan agus am buaidh air teaghlaichean
• Leigheasan lusragach
• Am bàs
• Glainnead
• Obair muilne
Molly NicNeacailAn t-Eilean Sgitheanach gu Glaschu1882Cruadal eacanomaigeach• Cor beòshlaint
• Sàbaid
• Coimeas eadar eilean agus baile-mòr
Edward IsaacRedruth, A' Chòrn gu Boldon, Ear-thuath Shasainn1890Airson beòshlaint nas fheàrr• Tràilleachd - deoch, ceàrrachas
• Sabaid
• Far-ainmean (mì-thlachdmhor)
• Creideamh
Angelo GiovanniniAn Eadailt gu Alba1898A' teiche o sheann dòigh-beatha chruaidh gu àite far am faighte cothroman ùra.• Obraichean
• Uachdaran
• Siubhal
Mair JonesRhostryfan, A' Chuimrigh gu Chicago, Ameireaga1903A' sireadh beatha nas fheàrr• Bochdainn
• Am bàs
• Còirichean
• Glainnead
• Siubhal
• A' toiseachadh às ùr
Aaron RosenfeldUcràine gu Sasainn1908A' teiche bho geur-leanmhainn• Teaghlach
• Cor beòshlaint
• Biadh
• Creideamh
• Cànan, gnàthasan-cainnt is samhlaidhean
• Slàinte
• Siubhal
Mìcheal ConlonÈirinn gu New York1909A' sireadh beatha nas fheàrr• Teaghlach
• Cor beòshlaint
• Siubhal
• Obair
Eileen Finn Liverpool gu Aberystwyth1939Cunnart bho bhomaichean• An dara cogadh
• Siubhal
• Beatha air an dùthaich
Freda BuckinghamSasainn gu Astràilia1952Eacanomaigeach - a' gluasad airson dòigh-beatha nas fheàrr• Cor beòshlaint
• Còirichean dhaoine
• Siubhal
• Slàinte
• Àrainneachd diofar dhùthchannan
Awaale SamakabSomàlia gu Cardiff, A' Chuimrigh1990A' teiche o chogadh

Nota: Tha dealbh de ghunna air an dàrna duilleig de leabhar-latha Awaale Samakab.
• Dòigh beatha ann an Somàlia
• Gunnaichean
• Cunnartan - daoine, beathaichean
• Crèideamh
• A' ruith air falbh (à dùthaich)
• Campaichean fògarraich

Stiùireadh
Anns an earrainn Sgeulachdan-Imrich, brùth air leabhar-latha. Tha an taghadh ann a dhol seachad air a' bhidio tòiseachaidh agus a dhol dìreach chun leabhar-latha.

Cliog air ìomhaigh a' mhapa gus fiosrachadh mu imrich an leanaibh leis a bheil an leabhar-latha fhaicinn. Cliog air an leabhar-latha airson an sgeòil a leughadh.

Tha teacsa an leabhar-latha ri chluinntinn ga leughadh a-mach ach faodar am fuaim a chur dheth le bhith a' brùthadh a' phutain Fuaim dheth.

Cuir dealbh ri duilleag san leabhar-latha le bhith a' cliogadh air fear de na trì dealbhan air taobh deas na sgrion agus ga shlaodadh dhan bheàrn.

Tha mìneachadh sgrìobhte agus faidhle fuaim goirid ag innse mu gach dealbh. Gheibhear seo le bhith a' suathadh na luchaig thairis air an dealbh.

Cliog air an t-saighead uaine airson duilleag a thionndadh.





Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.