Tha an clàr gu h-ìosal a' mìneachadh nan gnìomhan a tha air an làraich: bhidiothan; dràmathan agus geamannan agus gheibhear beagan fiosrachaidh air mar a tha an làrach ag obair.
Tha na goireasan taic a leanas air an làraich cuideachd: faclair anns gach raon; fo-thiotalan; taic claistinn; ìomhaigh an suidse a' leigeil leis an neach-ionnsachaidh gluasad eadar Gàidhlig agus Beurla.

| Earrann/Duine | Gnìomhan | Amasan Ionnsachaidh |
| Finn/Eilidh (Cothrom am fiosrachadh pearsanta a chlò-bhualadh agus/no a shàbhaladh) |
|
Fiosrachadh pearsanta:
|
| Ionad Teasairginn | Trì raointean far am faodar cliogadh is rannsachadh: • Bhidio tòiseachaidh Cèit • An Rèidio Èiginn • Map eadar-ghnìomhail le fiosrachadh mun sgìre timcheall Ionad nan Cur-seachadan | Fuaimean na Gàidhlig a chur fa chomhair luchd-ionnsachaidh Am brosnachadh gu bhith a' bruidhinn na Gàidhlig |
Ionad Teasairginn: Neach-teagaisg - Ceit
| • Bhidio tòiseachaidh Ceit • Cairt Aithneachaidh Ceit ri lìonadh • Cairt Aithneachaidh a lìonadh dhaibh fhèin Cliog air ìomhaigh Ceit san Ionad Teasairginn gus a' cairt ID fhosgladh. |
Cothrom cànan a chleachdadh airson adhbharan conaltraidh |
| Ionad Teasairginn: Rèidio Èiginn | Sia buidhnean le àireamhan orra agus sia fuaimean anns gach tè. Rach chun Rèidio Èiginn tro ìomhaigh an rèidio air a' bhòrd san Ionad Teasairginn. | Cothrom a bhith a' feuchainn ri Gàidhlig a bhruidhinn 36 fuaimean Gàidhlig Cothrom èisteachd ri facail is seantansan sa bheil na prìomh fhuaimean sin |
| Ionad Teasairginn: Am map | A' sealltainn an sgìre mu chuairt Ionad nan Cur-seachadan | A' rannsachadh agus a' faighinn a-mach ainm gach àite A' gluasad thairis air a' mhapa, nochdaidh ainmean àiteachan sgrìobhte agus le fuaim Cliog air a' mhap air balla an Ionaid Teasairginn airson fhosgladh. Tarraing an oir dearg, gluais air feadh a' mhap agus leugh is cluinn dè tha faisg air an ionad. |
Taigh Spòrs: Gèam Mise | Gèam Mise - a' cleachdadh briathrachas co-cheangailte ri coltas gus dealbh-cartùn a chruthachadh. Cliog air an Tbh anns an Taigh Spòrs airson a' ghèam a thòiseachadh. | Cànan:
|
Taigh Spòrs: Dràmathan | Còig bhidiothan dràma stèidhte air beatha an triùir luchd-teagaisg Còig ìrean sa ghèam, aon ìre airson gach cuspair:
Cliog tiotal air a' bhòrd fiosrachaidh san Taigh Spòrs airson bhidio a choimhead. | Faclan is abairtean co-cheangailte ri gach cuspair Cànan ann an suidheachadh làitheil A' daingneachadh a' chànain a nochd anns gach dealbh-chluich agus cothrom Gàidhlig ùr ionnsachadh Aig deireadh gach seallaidh, tha ceist ri fhreagairt a' buntainn ris an dràma |
| Taigh Spòrs: Gèam Heileacoptair | Coimhead bhidio dràma agus freagair a' cheist a tha ga leantainn airson cothrom Gèam Heileacoptair a chluich. 'S e an neach-ionnsachaidh am paidhleat
| Ag ionnsachadh gu bhith ag èisteachd ri Gàidhlig agus a' toirt freagradh do stiùireadh agus fiosrachadh air diofar ìrean |
| Am Bothan: Inneal GPS | A' leantainn latha ann am beatha chuideigin le Gàidhlig ann an dreuchd inntinneach agus a' sealltainn mar a tha Gàidhlig air a cleachdadh ann an conaltradh dha-rìribh. Còig bhidiothan: Dòmhnall MacLeòid, Sgiobair Bàta Teasairginn Iain Mac A' Ghobhainn, Stiùiriche Telebhisein Aonghas MacNèill, Ball Pàrlamaid Gillebrìde MacIlleMhaoil, Tidsear a' fuireach sa Spàinn Seonag NicDhonnchaidh, Oifigear Foghlam Ealain Cliog air an inneal GPS a th' air leabaidh A' Bhothain gus earrann nam filmichean fosgladh. Cleachd na saighdean airson film a lorg. | A' cur na Gàidhlig ann an co-theacsa ùr-nodha mar chànan a tha iomadh duine a' cleachdadh bho latha gu latha. |
| Am Bothan: Bhidiothan Spòrs | Naoi bhidiothan spòrs:
Air gach bhidio, tha clàr-crìche eadar-ghnìomhail a tha a' leigeil leis an neach-ionnsachaidh ainmearan spòrs co-cheangailte ris an ìomhaigh dheireannaich sa bhidio a rannsachadh is a lorg. Airson bhidio a choimhead, tagh am Bòrd Fiosrachaidh anns a' Bhothan. | Cothrom dhan neach-ionnsachaidh air naoi phrìomh ghnìomhairean anns an tràth chaithte, làthaireach agus theachdail, ann an cruth claistinn, lèirsinn agus sgrìobhte Gnìomhairean:Bhuail; a' bualadh; buailidh Ghluais; a' gluasad; gluaisidh Dh'èigh; ag èigheachd; èighidh Chuir; a' cur; cuiridh Dh'fhalbh; a' falbh; falbhaidh Dh'iarr; ag iarraidh; iarraidh Dh' fheuch; a' feuchainn; feuchaidh Dh' ionnsaich; ag ionnsachadh; ionnsachaidh Dh'fhàs; a' fàs; fàsaidh |
| Am Bothan: Beachdan luchd-tadhail | Cothrom beachdan a dh'fhàg luchd-tadhail Ionad Dealais a leughadh. Tha bhidio an cois gach beachd le fiosrachadh farsaing mun bhaile sa bheil an neach-tadhail a' fuireach: Tagh an coimputair anns a' Bhothan airson na trì bhidiothan a choimhead.
Cothrom beachd a sgrìobhadh agus a shàbhaladh. | Faireachdainnean agus beachdan pearsanta Brosnachadh gus pìos a sgrìobhadh, coltach ris an fheadhainn a sgrìobh an luchd-tadhail roimhe Eachdraidh an àite: àitichean inntinneach Tar-shealladh air an àite agus prìomh thogalach a' bhaile. Beagan eachdraidh mu na h-oilimpigs Seallaidhean Paris is fiosrachadh air sluagh na dùthcha is na tha ri fhaicinn |
| Am Bothan: An telebhisean | Trì bhidiothan anns a bheil ro-ràdh goirid agus beagan fiosrachaidh mu chànan, eachdraidh agus ceòl na Gàidhlig. Cliog air an telebhisean airson earrann nam filmichean fhosgladh. Tagh bhidio a' cleachdadh na trì putain dathte. | Thar-shealladh air suidheachadh na Gàidhlig ann an Alba. |
| Am Bothan: An rèidio | Cothrom ceangal a dhèanamh ri cluicheadair rèidio BBC Radio nan Gaidheal aig bbc.co.uk/alba. | Raon farsaing de phrògraman ciùil, aithriseach agus còmhraidh bho BBC Radio nan Gàidheal rin cluinntinn beò no tro ghoireas Èist a-rithist. Cothrom Gàidhlig a chluinntinn mar chànan beò air a bruidhinn gu nàdarra ann an iomadh blas is dualchainnt. |