'S e sgilean Gàidhlig a leasachadh amas na làraich seo. Tha i gu sònraichte ag amas air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, ag obair a dh' ionnsaigh an dàrna is an treas ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.
Dh'fhaodadh cuid de na gnìomhan cuideachd a bhith iomchaidh do luchd-ionnsachaidh aig diofar ìrean. A rèir comas na cloinne ann an Gàidhlig, dh'fhaodadh gum biodh cothroman stuth na làraich a cheangal ri cuspairean eile sa churraicealam. Tha iomairt air a dhèanamh cuid dhiubh sin a dhealbh agus a-rithist, a rèir dè an cànan a thathar a' cleachdadh, dh' fhaodar a bhith ag obair thar diofar ìrean.

Is ann tro chuspair Ionad nan Cur-seachadan a tha fiosrachadh na làraich stèidhichte agus tro na prìomh charactaran: Finn, Eilidh agus Ceit.
Dh'fhaodar tadhal air diofar àitichean aig an Ionad:
- • Am Bothan
- • Taigh Spòrs
- • Ionad Teasairginn
'S ann tro bhidiothan agus dràmathan ghoirid a gheibhear an cothrom:
- - Leudachadh air briathrachas na Gàidhlig
- - Barrachd eòlas a chur air structair is gnàthasan-cainnt na Gàidhlig
- - Gàidhlig ionnsachadh tro chuspairean a tha iomchaidh dhaibh aig an aois
- - Èisteachd ri Gàidhlig tro thachartasan coimhearsneachd
- - A bhith nas mothachail mu chothroman spòrs is cur-seachadan an Alba
- - Sgilean a leasachadh a dh'fhaodadh a bhith feumail nam beatha
- - Beachdachadh air dualchas agus àrainneachd na h-Alba
- - Fiosrachadh ionnsachadh mu eachdraidh spòrs ann an Alba
- - Ionnsachadh mu shàbhailteachd ann an diofar spòrs
- - Daoine a choinneachadh a tha a' cleachdadh Gàidhlig nan obair laitheil
- - Ionnsachadh mu àitichean is cànanan eile san Roinn Eòrpa
Tha fiosrachadh agus clàr mu gach gnìomh air a dhealbh gus tar-shealladh a thoirt air a' ghoireas. Cuideachd tha builean air an dealbh, a' sealltainn cuid a dhòighean obrachadh a dh'ionnsaigh builean a' Churraicealaim airson Sàr-mhathais. Chan eil annta ach tòiseach-tòiseachaidh. Tha e a rèir mar a chleachdar an goireas faicinn dè an fheadhainn as iomchaidh agus cuideachd dh'fhaodar gum bi feum air obair leudachaidh airson an coileanadh.