Notaichean Pàrant

Notaichean Pàrant



'S ann air oileanaich air AS1 agus AS2 san àrd-sgoil a tha an làrach seo ag amas, ged a dh'fhaodadh cuid de na stuthan a th' oirre a bhith freagarrach do luchd-ionnsachaidh nas òige.

Dealas

Tha an làrach stèidhichte air Ionad Spòrs. An cois gach bhidio, dràma agus faidhle fuaim tha fo-thiotalan a tha rim faighinn ann an Gàidhlig no ann am Beurla. 'S iad luchd-teagaisg an ionaid Finn, Eilidh agus Ceit, na prìomh charactaran ris an coinnichear.

Tha gnìomhan agus bhidiothan rin lorg taobh a-staigh: An Taigh Spòrs, Am Bothan agus an Ionad Teasairginn. Tha na stuthan gu lèir a' cur Gàidhlig air adhart air diofar dhòighean agus a' toirt a' chothroim eòlas air briathrachas, structair agus gnàthasan-cainnt Gàidhlig a leudachadh agus a leasachadh.

Tha na dràmathan agus na bhidiothan eile a' ceangal ri Cuirricealam airson Sàr-mhathais agus a' leantainn nam prionnsabalan air a bheil sin stèidhicte, a' libhrigeadh, dùbhlan agus tlachd, farsaingeachd agus doimhneachd eòlais mun Ghàidhlig.

Am measg nan gnìomhan tha:

EarrannStuthan
Duilleag DachaighA' lìonadh cairtean Aithneachaidh Luchd-teagaisg an Ionaid: Ag innse cò thu. Tagh Neach-teagaisg airson cairt fhosgladh.
An Taigh Spòrs

Bhidiothan Dràma: Còig dràmathan ghoirid stèidhichte air luchd-teagaisg an Ionad Spòrs. Tha na sgeulachdan a' gabhail a-steach briathrachas co-cheangailte ri teaghlach; biadh; airgead; an uair agus faireachdainnean. Cliog tiotal air a' bhòrd fiosrachaidh san Taigh Spòrs airson bhidio a choimhead.

Gèam Heileacoptair: Coimhead bhidio dràma agus freagair a' cheist a tha ga leantainn airson cothrom Gèam Heileacoptair a chluich. Tha e stèidhidhte air briathrachas co-cheangailte ri teaghlach; biadh; airgead; an uair agus faireachdainnean.

Gèam Mise: Gèam spòrsail a' cleachdadh briathrachas, coltas agus aodach airson dealbh cairtùn a chruthachadh. Cliog air an Tbh anns an Taigh Spòrs airson a' ghèam a thòiseachadh.

Ionad Teasairginn

Rèidio Èiginn: A' rannsachadh an fhuaim a nì dà litir còmhla m.e. "mh". Cothrom èisteachd ri facail agus seantansan anns a bheil na fuaimean sin. Rach chun Rèidio Èiginn tro ìomhaigh an rèidio air a' bhòrd san Ionad Teasairginn.

Cairt Aithneachaidh an Stiùiriche Teasairginn Beinne: Ag innse cò thu. Cliog air ìomhaigh Ceit san Ionad Teasairginn gus a' cairt ID fhosgladh.

Mapa: Briathrachas a' mìneachadh na tha san sgìre mu chuairt an Ionad Spòrs (sgrìobhte agus le fuaim). Cliog air a' mhap air balla an Ionaid Teasairginn airson fhosgladh. Tarraing an oir dearg, gluais air feadh a' mhap agus leugh is cluinn dè tha faisg air an ionad.

Am Bothan

Bhidiothan Gàidhlig agus Obair: Còig bhidiothan a' leantainn latha ann am beatha chuideigin a tha a' cleachdadh Gàidhlig nan dreuchd: Fear-stiùir Bàta Teasairginn, Stiùiriche Telebhisein, Ball Pàrlamaid, Tidsear a tha a' fuireach san Spàinn agus Oifigear Foghlam Ealain. Cliog air an inneal GPS a th' air leabaidh A' Bhothain gus earrann nam filmichean fhosgladh. Cleachd na saighdean airson film a lorg.

Bhidhiothan Spòrs: Facail shìmplidh co-cheangailte ri curachadh, baidhsagalan beinne, iomain, ball-coise, marcachd thonn, bòrdadh-sneachda, rugbaidh, abseileadh agus surfadh. Airson bhidio a choimhead, tagh am Bòrd Fiosrachaidh anns a' Bhothan.

Beachdan Luchd-turais: Bhidiothan agus beachdan sgrìobhte bho luchd-turais a thadhail air Ionad Dealais, le fiosrachadh mu na bailtean-mòra às an tàinig iad: Francesca às an Ròimh, Costas à Baile na h-Aithne, Chantal à Paris. Tagh an coimpiutair anns a' Bhothan airson na trì bhidiothan a choimhead.

Bhidiothan Cultair: Tar-shealladh air suidheachadh na Gàidhlig ann an Alba. Cliog air an telebhisean airson earrann nam filmichean fhosgladh. Tagh bhidio a' cleachdadh na trì putain dathte.





Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.