
Ingrid
Don't panic! English follows the Gaelic!
Halò!
Is mise Ingrid agus tha mi a' fuireach ann an Votsdorf. 'S e baile beag ann an taobh tuath An Ostair a th' ann.
Carson a tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig? Uill, air aon làimh chan eil mi idir cinnteach, ach air an làimh eile, tha mi air a bhith airson a' chànan ionnsachadh o riamh agus airson deagh ghreis tha mi air a bhith a' lorg an cothrom sin a dhèanamh. Mar sin, tha mi taingeil gun d' fhuair mi "lorg" air an làraich-sa, agus tapadh leibh!
Chan eil cus chothroman agam Gàidhlig a chleachdadh nam bheatha làitheil, a bharrachd air a bhith a' feuchainn ris na rudan a tha mi air ionnsachadh cheana a ràdh rim chèile an-dràsta 's a-rithist. Tha sin fhèin math oir tha esan cuideachd a' faighinn beagan tuigse air a' chànan.
Seach nach eil fada o thòisich mi fhìn ag ionnsachadh, chan eil cus agam a dh'innseas mi do dhaoine eile, 's chan eil mi fhathast dèidheil air abairtean sònraichte sam bith ... Ach is iongantach mura h-atharraich sin!
Le deagh dhùrachd, Ingrid
Hello!
My name is Ingrid and I live in Voitsdorf. This is a small village in Upper-Austria.
Why am I learning Gaelic? Well, on one hand I don't know exactly why, on the other hand I've always wanted to learn this language and I've been looking for an opportunity to do so for quite some time. So I thank you very much for this site which I have just "discovered".
There aren't many possibilities in my daily life to use Gaelic except practising what I've already learned on my husband every now and then which isn't that bad as he at least learns to understand some of it that way.
As I've just started learning there aren't any special tips for others or favourite expressions but that will surely change!
Best regards, Ingrid