
Cecilia
Don't panic! English follows the Gaelic!
Dè an t-ainm a th' ort? Cecilia
Co às a tha thu? / Càite a bheil thu a' fuireach? 'S ann à Columbia, Carolina a Deas a tha mi, ach tha mi a' fuireach ann an Cladach Virginia, Virginia. Tha mo chèile anns na marines agus mar sin, bidh sinn tric a' gluasad air feadh na dùthcha.
Dè thog d' ùidh anns a' chànan? Thadhal mi air Alba o chionn beagan bhliadhnaichean agus thuit mi ann an gaol leis an dùthaich. B' ann à Alba a bha sinnsirean mo chèile. Chan eil sinn a' bruidhinn cànan sam bith eile san dhachaigh agus, leis an sin, dh'aontaich sinn gum biodh e math Gàidhlig ionnsachadh gus a bhith ga bruidhinn ri chèile agus ris a' chloinn.
A bheil molaidhean agad airson luchd-ionnsachaidh eile? Na dèan ach rudan beag còmhla agus theirig thairis air an leasan sin cho tric 's a tha a dhìth ort. An-dràsta, tha mi a' cosg seachdain air gach ionad, gus a bhith glè chinnteach gu bheil mi ga thuigsinn. Na biodh an t-eagal ort rud beag ionnsachadh agus tilleadh thuige gus dèanamh cinnteach gu bheil e agad air chuimhne.
Ciamar a tha thu a' cleachdadh Gàidhlig nad bheatha làitheil? Aig an ìre-sa, bidh mi a' cantainn abairtean beaga goirid rim chèile mar 'tha gaol agam ort', 'is math sin', 'tapadh leat', agus ''s e do bheatha'.
Dè an abairt Ghàidhlig as fheàrr leat? 'S e 'tha gaol agam ort' na faclan as fheàrr leam a bhith ag ràdh ris an duine agam.
What's your name? Cecilia
Where do you stay? / Where are you from? I'm from Columbia, South Carolina but live in Virginia Beach, Virginia. My husband's a Marine, so we move all over the place.
What inspired you to learn Gaelic (it's ok to say you don't know)? I visited Scotland a few years ago and fell in love with it. My husband's family can trace their ancestors back to Scotland. We don't speak any other languages at home, so we thought it would be nice to learn Gàidhlig to speak to each other and the kids.
What tips do you have for other Gaelic learners? Do a little at a time and repeat each lesson as often as you need to. Right now I'm spending about a week on one unit so that I know with out a doubt that I understand. Don't be afraid to study a little and then come back to it to see what you remember.
How do you use Gaelic in your daily lives? Right now I just say little phrases to my husband like 'tha gaol agam ort', 'is math sin', 'tapadh leat', and ''s e do bheatha'.
Do you have a favourite Gaelic expression? Well, my favourite words to say to my husband are 'tha gaol agam ort'.