Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,16 Feb 2026,30 mins

An Ros Mhuileach

Fàilte air a' Bhaile

Available for 33 days

Tha BBC Radio nan Gàidheal a' comharrachadh 40 bliadhna de chraoladh, agus tha sinn a dol air ais gu na tràth laithean sin son an t-sreath Fàilte air a' Bhaile. Sa phrògram seo, thadhail Cathy NicDhòmhnaill air An Ros Mhuileach ann an 1987. Bha Cathy a' còmhradh ri Attie MacEachairne mun chreag san sgìre is e ag aithris mar a chaidh a chleachdadh ann an drochaid Greyfriars ann an Lunnain. Chaidh a’ chlach gu New York agus Liverpool airson cidheachan a thogail an sin agus 's e th’ ann an cuid de thoglaichean Ghlaschu agus ann an cuid de thaighean-solais air feadh na dùthcha. Fhuair sinn òran bho Attie anns a’ phrògram; Togaidh mi'd a Bhratach, a chaidh a sgrìobhadh le bàrd ionadail, Eòghann MacLaomain. Anns a' phrògram bha i cuideachd a' còmhradh ri Iain MacCalluim agus ri Calum Peutan is i a' faighneachd dhaibh dè thug orra tilleadh dhan sgìre. Bha Calum Caimbeul a' còmhradh ri Cathy mu àiteachas san sgìre is mun là obrach aige agus chualar cuideachd bho Dot Mhoireasdan a bha ag obair ann an Oifis a' Phuist.

Programme Website
More episodes