Main content
Sorry, this episode is not currently available

Failte air a' Bhaile : An Ros Mhuileach

Prògram a tasglann Fàilte air a' Bhaile. Thadhal Cathy NicDhòmhnaill air An Ros Mhuileach ann an 1987. Fàilte air a Bhaile in The Ross of Mull in 1987, from the BBC archive.

Tha BBC Radio nan Gàidheal a' comharrachadh 40 bliadhna de chraoladh, agus tha sinn a dol air ais gu na tràth laithean sin son an t-sreath Fàilte air a' Bhaile. As a' phrògram seo, thadhal Cathy NicDhòmhnaill air An Ros Mhuileach ann an 1987.
Bha Cathy a' còmhradh ri Attie MacEachairne mun chreag as a sgìre is e ag aithris mar a chaidh a chleachdadh ann an drochaid Greyfriars ann an Lunnain. Chaidh a’ chlach gu New York agus Liverpool airson cidheachan a thogail an sin agus se th’ ann ancuid de thoglaichean Ghlaschu agus ann an cuid de thaighean-solais air feadh na dùthcha. Fhuair sinn òran bho Attie anns a’ phrògram; Togaidh mi'd a Bhratach, a chaidh a'sgrìobhadh le bàrd ionadal, Eòghann MacLaomain.
As a phrògram bha i cuideachd a' còmhradh ri Iain MacCalluim agus ri Calum Peutan is i a' faighneachd dhaibh dè thug orra tilleadh dhan sgìre.
Bha Calum Caimbeul a' còmhradh ri Cathy mu àiteachas san sgìre is mun là obrach aige, agus chualar cuideachd bho Dot Mhoireasdan a bha ag obair ann an Oifis a' Phuist.

Release date:

30 minutes

On radio

Mon 16 Feb 202615:30

Broadcasts

  • Mon 16 Feb 202615:30
  • Wed 18 Feb 202620:00