Episode details

Available for 28 days
Cha bheag an eachdraidh is an àite a th' aig na rèiseamaidean Gàidhealach nar dualchas - agus am-bliadhna tha taisbeanadh ùr ri fhaicinn aig Comann Eachdraidh Cheann a' Loch mu na rèiseamaidean Sìophortach a chaidh an stèidheachadh le Clann MhicChoinnich. Chaidh Coinneach Mac a' Ghobhainn a dh'fhaicinn na nithean annasach a tha san taisbeanadh eadar brataichean, gunnaichean, pìoban mòra, sginean, agus dealbhan de shaighdearan nan rèiseamaid tro na linntean. Ach cò dìreach a bh' ann an Clann MhicChoinnich? Cluinnidh sinn sin cuideachd bhon Dr Aonghas MacCoinnich aig Oilthigh Ghlaschu, a tha air mòran rannsachaidh a dhèanamh air mar a fhuair an cinneadh sealbh air Eilean Leòdhais agus Iarlachd Shìophort - agus an cruadal is an gaisge a bha an cois nan rèiseamaid air feadh an t-saoghail. Agus tha Coinneach cuideachd a' faighinn facal air a' chòcaire Alasdair MacLeòid. Le Oidhche Burns air fàire dhuinn aig an deireadh sheachdain, tha ceist bheag shìmplidh mun diofar dha-rìribh eadar snèap, snìop, is tuineap ri fhreagairt aig Alasdair... agus mar a thàinig iad a dh'Alba sa chiad àite às an t-Suain!
Programme Website