
le Coinneach Mac a' Ghobhainn
Cuairt tro thaisbeanadh nan rèiseamaid Sìophortach aig Comann Eachdraidh Cheann a' Loch. Coinneach Smith visits the Seaforth Highlanders Exhibition at Kinloch Historical Society.
Cha bheag an eachdraidh is an àite a th' aig na rèiseamaidean Gàidhealach nar dualchas - agus am-bliadhna tha taisbeanadh ùr ri fhaicinn aig Comann Eachdraidh Cheann a' Loch mu na rèiseamaidean Sìophortach a chaidh an stèidheachadh le Clann MhicChoinnich. Chaidh Coinneach Mac a' Ghobhainn a dh'fhaicinn na nithean annasach a tha san taisbeanadh eadar brataichean, gunnaichean, pìoban mòra, sginean, agus dealbhan de shaighdearan nan rèiseamaid tro na linntean.
Ach cò dìreach a bh' ann an Clann MhicChoinnich? Cluinnidh sinn sin cuideachd bhon Dr Aonghas MacCoinnich aig Oilthigh Ghlaschu, a tha air mòran rannsachaidh a dhèanamh air mar a fhuair an cinneadh sealbh air Eilean Leòdhais agus Iarlachd Shìophort - agus an cruadal is an gaisge a bha an cois nan rèiseamaid air feadh an t-saoghail.
Agus tha Coinneach cuideachd a' faighinn facal air a' chòcaire Alasdair MacLeòid. Le Oidhche Burns air fàire dhuinn aig an deireadh sheachdain, tha ceist bheag shìmplidh mun diofar dha-rìribh eadar snèap, snìop, is tuineap ri fhreagairt aig Alasdair... agus mar a thàinig iad a dh'Alba sa chiad àite às an t-Suain!
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 22 Jan 202609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 22 Jan 202622:25BBC Radio nan Gàidheal