Episode details

Available for 11 days
Tha cabhlach air leth mòr aig na Stàitean Aonaichte far chladaichean Venezuela. Carson? 'S i sin a' cheist a th' air gu leòr; le na h-Ameireaganaich a' cumail a-mach gur ann a-mhàin airson stad a chuir air drugaichean a tha iad ann. Ach a bheil seo fìor, neo am faodadh e bhith gu bheil cogadh air fàire eadar na Stàitean agus Venezuela? Tha am fear-naidheachd eadar-nàiseanta Murchadh MacLeòid còmhla rinn le tuilleadh fiosrachaidh. Dè tha cho tlachdmhor mu bhith ann an còisir? 'S iomadh duine air feadh na dùthcha a tha nam ball de chòisir Ghàidhlig. Ach dè tha gan tarraing thuige? Tha Cathy a' faighinn facal air feadhainn a tha gu mòr dhen bheachd gu bheil ballrachd an còisir math airson barrachd na dìreach an ceòl fhèin. Agus tha Shelagh Chaimbeul a' toirt dhuinn a beachd fhèin air a' leabhar neo-fhicsean as fheàrr a gheibh thu mar thiodhlac Nollaig: "Rural Hours: The Country Lives of Virginia Woolf, Sylvia Townsend Warner and Rosamond Lehmann" le Harriet Baker.
Programme Website