le Cathy NicDhòmhnaill
Dè tha cho tlachdmhor mu bhith ann an còisir? Cathy MacDonald speaks to choir members about the benefits of singing and socialising in a choir.
Tha cabhlach air leth mòr aig na Stàitean Aonaichte far chladaichean Venezuela. Carson? 'S i sin a' cheist a th' air gu leòr; le na h-Ameireaganaich a' cumail a-mach gur ann a-mhàin airson stad a chuir air drugaichean a tha iad ann. Ach a bheil seo fìor, neo am faodadh e bhith gu bheil cogadh air fàire eadar na Stàitean agus Venezuela? Tha am fear-naidheachd eadar-nàiseanta Murchadh MacLeòid còmhla rinn le tuilleadh fiosrachaidh.
Dè tha cho tlachdmhor mu bhith ann an còisir? 'S iomadh duine air feadh na dùthcha a tha nam ball de chòisir Ghàidhlig. Ach dè tha gan tarraing thuige? Tha Cathy a' faighinn facal air feadhainn a tha gu mòr dhen bheachd gu bheil ballrachd an còisir math airson barrachd na dìreach an ceòl fhèin.
Agus tha Shelagh Chaimbeul a' toirt dhuinn a beachd fhèin air a' leabhar neo-fhicsean as fheàrr a gheibh thu mar thiodhlac Nollaig: "Rural Hours: The Country Lives of Virginia Woolf, Sylvia Townsend Warner and Rosamond Lehmann" le Harriet Baker.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 23 Dec 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 23 Dec 202522:25BBC Radio nan Gàidheal
