Episode details

Radio nan Gàidheal,14 Dec 2025,30 mins
Còmhla ris an Urr Iain MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach
Dèanamaid AdhradhExpires today 9:30pm
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh e leanas: Salm 139 : 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann. Salm 126: 3-6 air fonn Stornoway agus 's e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Free North ann an Inbhir Nis Salm 04: 7-8 air fonn London New agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh. Leughadh: 1 Peadar 5: 1-14 Ceann-teagaisg: 1 Peadar 5:10 Rugadh agus thogadh an t-Urramach Iain MacLeòid ann an sgìre Shiaboist ann an Leòdhas. Bha e a' teagasg ann an Obar Dheathain airson fichead bliadhna. Às dèidh sin chaidh e a Cholaiste na h-Eaglais Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1980, agus chaidh a ghairm gu coitheanal Dhuthail-Doruis (Duthel Dores) far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006. Thill e a dh'fhuireach ann an Siabost far a bheil e a' cur seachad ùine a' leughadh, a' gàirnealaireachd agus a' searmonachadh ann an coitheanalan a tha bàn.
Programme Website