Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,17 Dec 2025,57 mins

le Coinneach Mac a' Ghobhainn

Naoi gu Deich

Available for 5 days

Carson a tha a' Ghearmailt a' toirt air an òigridh aca tilleadh gu seirbheis nàiseanta? Le ceistean mòra air fàire mu thèarainteachd na Roinn Eòrpa agus an cogadh sa Ucràin, tha iomagain air mòran sa Ghearmailt. Ach an e seo an dòigh as fheàrr gus an airm aca a neartachadh? Tha Mìcheil Klevenhaus anns a' Ghearmailt, agus Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir a bha na shaighdear san airm Bhreatannach stèidhte sa Ghearmailt, a' beachdachadh air a' chuspair. Chan eil sinn uair sam bith fada air falbh bho na scrionaichean againn sa latha a th' ann. Ach dè mu dheidhinn clann? Le riaghailtean teann a thaobh nam meadhanan sòisealta air tòiseachadh ann an Astràilia a chuireas casg air clann bho bhith gan cleachdadh, tha Coinneach a' bruidhinn ri triùir: Màiri Ross agus Cailean MacLeòid aig a bheil clann iad fhèin, agus Coinneach Combe, a bha draois na thidsear ann an àrd sgoiltean Ghlaschu. Agus tha sinn aon uair eile a-muigh air Rubha an Udail an Uibhist a' Tuath - a' cluinntinn mu bheul-aithris is ainmean àite na sgìre, is na tha ri ionnsachadh mu eachdraidh is creideamh Uibhist sna meadhan aoisean. Còmhla ri Coinneach tha Catrìona NicMhuirich agus Fiona NicÌosaig.

Programme Website
More episodes