Main content

le Coinneach Mac a' Ghobhainn

Carson a tha a' Ghearmailt a' toirt air an òigridh aca tilleadh gu seirbheis nàiseanta? Coinneach Smith hears why Germany is bringing back national service.

Carson a tha a' Ghearmailt a' toirt air an òigridh aca tilleadh gu seirbheis nàiseanta? Le ceistean mòra air fàire mu thèarainteachd na Roinn Eòrpa agus an cogadh sa Ucràin, tha iomagain air mòran sa Ghearmailt. Ach an e seo an dòigh as fheàrr gus an airm aca a neartachadh? Tha Mìcheil Klevenhaus anns a' Ghearmailt, agus Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir a bha na shaighdear san airm Bhreatannach stèidhte sa Ghearmailt, a' beachdachadh air a' chuspair.

Chan eil sinn uair sam bith fada air falbh bho na scrionaichean againn sa latha a th' ann. Ach dè mu dheidhinn clann? Le riaghailtean teann a thaobh nam meadhanan sòisealta air tòiseachadh ann an Astràilia a chuireas casg air clann bho bhith gan cleachdadh, tha Coinneach a' bruidhinn ri triùir: Màiri Ross agus Cailean MacLeòid aig a bheil clann iad fhèin, agus Coinneach Combe, a bha draois na thidsear ann an àrd sgoiltean Ghlaschu.

Agus tha sinn aon uair eile a-muigh air Rubha an Udail an Uibhist a' Tuath - a' cluinntinn mu bheul-aithris is ainmean àite na sgìre, is na tha ri ionnsachadh mu eachdraidh is creideamh Uibhist sna meadhan aoisean. Còmhla ri Coinneach tha Catrìona NicMhuirich agus Fiona NicÌosaig.

5 days left to listen

57 minutes

Last on

Wed 17 Dec 202522:25

Broadcasts

  • Wed 17 Dec 202509:00
  • Wed 17 Dec 202522:25