Episode details

Available for 16 days
Chaidh seirbheis a' Mhòid a thoirt thugainn ann an 2025 à Eaglais Bhaile Dhonnchaidh anns a' Ghearasdan. Os cionn na seirbheis bha an t-Urr Donaidh MacSuain agus Iain Eàrdsaidh Mac a' Mhaoilein. A' gabhail pàirt cuideachd bha an t-Urramach Morag Muirhead agus an Dr Màiri Elliott. Chualas na laoidhean, sailm agus na leughaidhean a leanas: An còmhlan Glòraich a' seinn Glòir an Uain agus a' toirt taic le na laoidhean Dèan Dhòmhsa Tuigse / A Thighearna Dhia Còisir Òg Loch Abar fo stiùir Carolyn Ghròta a' seinn Sìos Chun an Abhainn Rachel Walker agus Flòraidh NicDhonnchaidh a' seinn Reul Àlainn a' Chuain Salm 16: 5-6 air fonn Kilmarnock agus Salm 63: 2-4 air fonn Stornoway agus 's e Iain Murchadh Màrtainn a bha os cionn na seinn A' seinn na pìoba bha Moira agus Laura NicDhonnchaidh A' leughadh bha Magaidh Choineagan, Carolyn Ghròta agus sgoilearan bho Àrd-sgoil Loch Abar.
Programme Website