Main content

Seirbheis Mòd Loch Abar 2025

Seirbheis a' Mhòid còmhla ris an Urr Donaidh MacSuain agus Iain E Mac a' Mhaoilein bho Eaglais Bhaile Dhonnchaidh sa Ghearasdan. Gaelic Mod service from Duncansburgh Church.

Chaidh seirbheis a' Mhòid a thoirt thugainn ann an 2025 à Eaglais Bhaile Dhonnchaidh anns a' Ghearasdan. Os cionn na seirbheis bha an t-Urr Donaidh MacSuain agus Iain Eàrdsaidh Mac a' Mhaoilein. A' gabhail pàirt cuideachd bha an t-Urramach Morag Muirhead agus an Dr Màiri Elliott.

Chualas na laoidhean, sailm agus na leughaidhean a leanas:
An còmhlan Glòraich a' seinn Glòir an Uain agus a' toirt taic le na laoidhean Dèan Dhòmhsa Tuigse / A Thighearna Dhia
Còisir Òg Loch Abar fo stiùir Carolyn Ghròta a' seinn Sìos Chun an Abhainn
Rachel Walker agus Flòraidh NicDhonnchaidh a' seinn Reul Àlainn a' Chuain
Salm 16: 5-6 air fonn Kilmarnock agus Salm 63: 2-4 air fonn Stornoway agus 's e Iain Murchadh Màrtainn a bha os cionn na seinn
A' seinn na pìoba bha Moira agus Laura NicDhonnchaidh

A' leughadh bha Magaidh Choineagan, Carolyn Ghròta agus sgoilearan bho Àrd-sgoil Loch Abar.

15 days left to listen

1 hour

Last on

Sun 28 Dec 202521:00

Broadcasts

  • Sun 12 Oct 202515:00
  • Sun 12 Oct 202521:00
  • Sun 28 Dec 202521:00