Episode details

Available for 18 days
Tha am BBC air feadh na rìoghachd air streath dhuaisean a chruthachadh do dhaoine neo buidhnean a tha a' cur gu mòr ri na coimhearsnachdan aca. Air Naoi gu Deich 's an t-Sultain, fhuair sinn a-mach cò a bh'air prìomh dhuais BBC Radio nan Gàidheal a chosnadh. Chaidh triùir neach agus aon bhuidheann a chuir air adhart airson duais BBC Radio nan Gàidheal. B' iadsin: meur Leòdhais dhen bhuidheann Cancer Research UK, Iain Moireastan, a tha a' ruith bùth air an Tairbeart 's na Hearadh, Lorna NicCarmaig a bhios a'cuir mòran chuirmean air chois 's an t-Eilean Sgitheanach agus Seonag NicAnndrais a bhios a' cruinneachadh airgead do charthannasan air Ghàidhealtachd. Anns a' phrògram seo, bha Cathy a' còmhradh riutha uile agus gheibhear a-mach cò fhuair am prìomh dhuais.
Programme Website