le Cathy NicDhòmhnaill
Duais Dèan Diofar dha gaisgeach coimhearsnachd. September's programme where Cathy announced the winner of the Make A Difference Award.
Tha am BBC air feadh na rìoghachd air streath dhuaisean a chruthachadh do dhaoine neo buidhnean a tha a' cur gu mòr ri na coimhearsnachdan aca.
Air Naoi gu Deich 's an t-Sultain, fhuair sinn a-mach cò a bh'air prìomh dhuais BBC Radio nan Gàidheal a chosnadh.
Chaidh triùir neach agus aon bhuidheann a chuir air adhart airson duais BBC Radio nan Gàidheal.
B' iadsin: meur Leòdhais dhen bhuidheann Cancer Research UK, Iain Moireastan, a tha a' ruith bùth air an Tairbeart 's na Hearadh, Lorna NicCarmaig a bhios a'cuir mòran chuirmean air chois 's an t-Eilean Sgitheanach agus Seonag NicAnndrais a bhios a' cruinneachadh airgead do charthannasan air Ghàidhealtachd.
Anns a' phrògram seo, bha Cathy a' còmhradh riutha uile agus gheibhear a-mach cò fhuair am prìomh dhuais.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 25 Sep 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 25 Sep 202522:25BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 31 Dec 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
