Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,24 Apr 2011,30 mins

An Dr Urramach Aonghas Moireasdan

Dèanamaid Adhradh

Available for 28 days

Salm 117: 15-16 air fonn Coleshill agus ‘s e Dòmhnall Angaidh MacMhathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh. Salm 21: 5-6 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Murchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phartaig ann an Glaschu. Anna Nic na Ceàrdaich a’ seinn an laoidh Air Geugan Seilich Chrochadh Leinn a chaidh a sgrìobhadh le Janet NicPhàil. Còisir Eaglais Naomh Barr sa Bhàgh a Tuath ann am Barraigh a’ seinn an laoidh Thighearna Thàinig Thu Chun na Linne. Leughadh: Eòin 21: 9-19 Ceann-teagaisg: Eòin 21: 15 Rugadh agus thogadh an Dr Urr Aonghas Moireasdan ann an Gleann Comhann ann an 1953 ged a chuir e seachad a' chuid as motha de làithean òige anns an Òban. B' ann do bhaile Lingreabhagh anns na Hearadh a bhuineadh athair agus a mhàthair agus tha deagh chuimhne aige fhèin air iomadach samhradh a chuir seachad ann an Ceann a Deas na Hearadh agus a bhith a' faighinn blasad air dòigh-beatha anns na h-Eileanan an Iar. Chaidh Mgr Moireasdan gu Àrd-sgoil an Òbain agus às a sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d' fhuair e teisteanas MA ann an Laideann agus Greugais. Fhuair e teisteanas BD tro Oilthigh Lunnainn agus PhD bho Oilthigh Dhùn Èideann. Bha Mgr Moireasdan ann an ceithir paraistean thar nam bliadhnaichean bho chaidh e na mhinistear ann an 1979: an t-Òban, Dùn Èideann, Steòrnabhagh agus Eaglais Sgìre Orwell & Portmoak. Bha e cuideachd na Mhodaràtair air Eaglais na h-Alba. Tha Mgr Moireasdan pòsta aig Marion agus tha teaghlach de cheathrar aca, triùir ghillean agus aon nighean agus tha triùir oghaichean aca. Bha ùidh a-riamh aige ann a bhith a' leughadh agus a' ceannach leabhraichean agus 's iomadh turas a bhiodh a mhàthair a' trod ris na òige gun robh e air an airgead a thug i dha airson lèintean a cheannach a chosg air leabhar eile! 'S e cluas bhodhar a fhuair i agus tha e fhathast trom air a bhith a' ceannach leabhraichean. Tha ùidh mhòr aige ann a bhith a' coimhead ball-coise agus ag èisteachd ri ceòl clasaigeach cuideachd. Tha e a-nise a' fuireach ann an Dùn Èideann agus a' cur seachad tòrr ùine a' coimhead às dèidh na h-oghaichean eadar Alba is Sasainn. Tha Mgr Moireasdan agus Marion air ùine a chur seachad thar nam bliadhnaichean mu dheireadh anns a' Phortagail a' coimhead às dèidh paraiste Naomh Anndra ann an Lisbon.

Programme Website
More episodes