--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Uisge ga chur dheth an Uibhist a Tuath | ||||||||||||||||||||||
Thèid uisge an tap a chur dheth ann an Uibhist a Tuath Diciadain is Diardaoin an t-seachdain seo. Tha Uisge na h-Alba a' cur mheadaran ùra a-steach air na pìoban aca san eilean. Tha seo mar phàirt den oidhirp smachd nas fheàrr fhaighinn air an lìonra nuair a tha pìoban ag aodion. Tha trioblaidean air a bhith ann an taobh an iar Uibhist a Tuath o chionn ghreis le pìoban ag aodion. "Tha tòrr de na pìoban 50 bliadhna de dh'aois, agus ged a rinneadh loidhne à Ceann a' Bhàigh gu Griomasaigh as ùr o chionn bliadhna no dhà, anns na bailtean beaga ri thaobh tha na seann loidhnichean ann fhathast," thuirt fear de chomhairlichean an eilein, Uisdean Robasdan. "Tha iad a' call an t-uabhas uisge, agus tha e a' faileachdainn orra faighinn a-mach cà bheil sin a' tachairt. "Mar sin tha iad a' cur nam meadaran seo a-steach feuch am faigh iad a-mach cà bheil iad a' call. "Chan fhaca mi riamh thar nam bliadhnaichean uidhir de thrioblaidean an Uibhist a Tuath a thaobh uisge agus uisge a' dol dheth - chan e a-mhàin airson uair no dhà, ach airson làithean. "Tha e a' toirt buaidh uabhasach air taighean anns an sgìre. "Tha fhios agam gu bheil an Riaghladair gu bhith a-bhos air a' mhìos seo air sgàth na thachair an Ceann a' Bhàigh na bu tràithe den bhliadhna. Tha aithisg aige mu dheidhinn sin. "Agus bhiodhmuid an dòchas coinneachdainn ris agus na trioblaidean ann an Uibhist a Tuath a thoirt gu aire, agus an dòchas gun toir e air Uisge na h-Alba airgead mòr a chosg a' neartachadh agus ag ùrachadh nam pìoban," thuirt e. | Ceanglaichean eile Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile | ||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||