--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Rabhadh gun a bhith ag òl uisge an Uibhist a Tuath | ||||||||||||||||||||||
Thathar a' comhairleachadh do dhaoine eadar Scolpaig agus Griomasaigh ann an Uibhist a Tuath gun uisge an tap òl neo chleachdadh ann an còcaireachd ri linn ìrean àrd de dh'aluminium. Tha eòlaichean slàinte ag ràdh, ge-tà, nach eil mòran cunnart ann do shlàinte a' phobail. A rèir fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Ùisdean Robasdan, tha an suidheachadh air leantainn na b' fhaide na bha dùil: "'S ann Disathairne, air an deireadh sheachdainn sa chaidh, a thug mi an aire gu robh tancairean a' slaodadh uisge à Beinn na Faoghla a Cheann a' Bhàigh agus 's ann an nuairsin a thòisich sinn a' dèanamh rannsachaidh," thuirt e.
Tha e ag ràdh gun deach innse dha gu robh trioblaidean air a bhith aig ionad an uisge ann an Ceann a' Bhàigh airson dhà neo trì seachdainean. "'S e an dragh a th' oirnn gu bheil iad air tòrr airgid a chosg air an ionad a tha seo ann an Ceann a' Bhàigh agus tha e caran draghail ma tha rudan a' dol ceàrr aig an ìre seo," thuirt e. Mìneachadh Tha Mgr Robasdan dhen bheachd gur e mearachd a bh' ann obair manaidsear airson Uibhist a Tuath agus Barraigh a thoirt air falbh: "Bha dragh oirnn aig an àm agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil e follaiseach a-nis nach e rud math a bh' ann," thuirt e. Thuirt Mgr Robasdan gun d' fhuair e gealltanas bho Uisge na h-Alba gum faigheadh iad mìneachadh mionaideach air dè chaidh ceàrr aon uair 's gun tèid a chur ceart. Chan eil fhios aig eileanaich dè cho fada 's a mhaireas an suidheachadh. | Ceanglaichean eile Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile | ||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||