--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Cead ga thoirt do loidhne dealain na Manachainn | ||||||||||||||||||||||
Thug Riaghaltas na h-Alba cead seachad airson loidhne dealain mhòr a thogail eadar a' Mhanachainn air a' Ghàidhealtachd agus Deanaidh, faisg air Sruighlea - 137 mìle de dh'fhaid. Tha dùil gun cosg an obair a bhios an luib a bhith a' toirt sìos na loidhne a th' ann an-dràsta agus a' togail na tè ùire, suas ri £400m. Tha an co-dhùnadh a' tighinn às dèidh sgrùdaidh phoblaich a mhair 11 mìos, agus a thàinig gu ceann san Dùbhlachd 2007. Chuir còrr is 18,000 duine gearain a-steach an aghaidh a' phlana. Tha an fheadhainn a tha ag iarraidh na loidhne ag ràdh gu bheil i deatamach airson a' bhuanachd as fheàrr a thoirt à cumhachd ath-nuadhachail anns a' cheann a tuath. Tha gu leòr eile ge-tà, gu mòr an aghaidh nam planaichean, agus iad ag ràdh gum milleadh an loidhne coltas na dùthcha, agus gun toireadh i droch bhuaidh air an àrainneachd. Tha iadsan ag ràdh gum bu chòir na càbalan a chur fon mhuir, no fon talamh. Thèid 600 crann, a bhiodh suas ri 200 troigh de dh'àirde, a chur an sàs, a bhios a' giùlain 400kV, seach 132kV mar a th' anns an loidhne a th' ann an-dràsta. Tha strì gu leòr air a bhith ann eadar luchd-glèidhteachais, daoine a bhiodh a' fuireach faisg air an loidhne agus companaidhean cumhachd. Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air fada a bharrachd feum a dhèanamh de chumhachd ath-nuadhachail sa cheann a tuath Dheadh an cumhachd sin a ghluasad gu luchd-cleachdaidh aig deas, agus a reic ri àiteachan eile cuideachd, a dh'fhaodadh prothaid mhath a dhèanamh. | Ceanglaichean eile Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile | ||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||