--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Tòraidhean an deagh thriom | ||||||||||||||||||||||
Tha am Partaidh Tòraidheach ann an deagh thriom is co-làbhairt Albanach aca a' tòiseachadh ann an Inbhir Àir. As dèidh mar a bhuannaich iad a' chiad fo-thaghadh Westminster aca ann an cha-mhòr 30 bliadhna, thuirt ceannard a' phartaidh, Dàibhidh Camshron gun robh 'New Labour' air tighinn gu crìch. Agus a dh'aindeoin Làbaraich a' dol mun cuairt le adan mòra orra - is iad ag ràdh gur e 'Toff' a bha anns an tagraiche Tòraidheach Eidseard Timpson - cha b'urrainn do Thamsin Dunwoody grèim a chumail air seat a chum a màthair. Fhuair na Tòraidhean 49% den bhòt ann an Crewe agus Nantwich, a' cur às don mhòr-chuid de 7,000 a bha aig Gwyneth Dunwoody. Taghadh Coitcheann Nan tachradh sin aig an ath-thaghadh choitcheann, 's e Mgr Camshron a bhiodh ann an Sràid Dhowning. Tha am Prìomhaire, Gòrdan Brown, a' cumail a-mach gur esan an duine as fheàrr gus an dùthaich a stiùireadh tro aimsir dhuilich. Ach tha na Tòraidhean den bheachd gu bheil e air grèim a chall air an stiùir. Cha bhi an ath-thaghadh ann gu ruige 2010 - ach am bi sin gu leòr do Ghòrdan Brown gus an soitheach a thionndadh? Mar a tha fhios aig Mgr Camshron, 's e àite eadar-dhealaichte a tha ann an Alba. Bho chionn bhliadhnaichean, 's i dùthaich fhuar don phartaidh Tòraidheach a bh' innte. Ach cha robh e mar sin a-riamh. An soirbhicheadh leis na Tòraidhean ann an Alba a-rithist? Ro fhaisg? Aig toiseach na co-làbhairt Albanaich aca ann an Inbhir Àir, tha ceannard Albanach nan Tòraidhean a' cumail a-mach gu bheil iad a' soirbheachadh mar-thà. Tha cuid ga càineadh airson a bhith ro fhaisg air na Nàiseantaich ann am Pàrlamaid na h-Alba. Bhòt na Tòraidhean airson buidseat an SNP. Tha na ceistean a chuireas Annabell Goldie air a' Phrìomh Mhinistear aoireil is èibhinn. Ach tha ise a' cumail a-mach gu bheil na Tòraidhean a' faighinn ghealltanasan a rinn iad ron taghadh tron Phàrlamaid, mar eisimplear air drogaichean agus àireamhan poilis. Chan eil sin dona, theireadh ise, do phartaidh le dìreach 16 buill anns a' phàrlamaid ('s e ball neo-phoileataiceach anns an Oifigear-Riaghlaidh, Ailig Fearghasdan). Agus tha i an dòchas gum bi am mòr-shluagh ag aontachadh rithe is a' cur barrachd bhall Tòraidheach gu Pàrlamaid na h-Alba anns an ath-thaghadh. Tha na Tòraidhean a' lorg taic bho dhaoine a tha mì-thoilichte mu phoileasaidhean ceartais Riaghaltas na h-Alba, is Annabell Goldie ag ràdh gu bheil sinn a' fuireach ann an 'Soft Touch Scotland' fon SNP. Agus tha i a' cumail a-mach gur iad an aon phartaidh a tha a' dìon an Aonaidh, as dèidh atharrachaidhean air pholasaidh Wendy Alexander mu referendum air neo-eiseimeileachd. Anns an òraid aige aig a' cho-làbhairt Dihaoine mhol Dàibhidh Camshron an ceannard Albanach aige, ag ràdh gu bheil an sabaid ann an Alba eadar "solid Goldie" agus "bendy Wendy". Thuirt e gur e "partaidh an Aonaidh" a bha anns na Tòraidhean. Thuirt e nach robh am Formula Barnett cothromach, is cha bu chòir do bhuill phàrlamaid Albanach ann an Westminister bhòtadh air cùisean a bheir buaidh air Sasainn a-mhàin. Ach, thuirt e cuideachd: "'S'fheàrr Aonadh neo-choilionta na Aonadh a tha briste." Bha na Tòraidhean fhèin briste ann am Breatainn fad bliadhnaichean. As dèidh na seachdain seo, tha sin air atharrachadh is iad an dòchas gun tèid Riaghaltas Bhreatainn atharrachadh a dh'aithgheàrr cuideachd. | CEANGALAICHEAN IONADAIL Brown a' sabaid air ais16 An Cèitean, 2008 | Naidheachdan Abair plana - abair bùrach09 An Cèitean, 2008 | Naidheachdan A' coimhead air ais - is air adhart02 An Cèitean, 2008 | Naidheachdan | ||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||