Cunntas-obrach ball den sgioba

Seònaid

A' chriomag-fhilm as fheàrr a chòrd riut?

Tè anns an cluinn thu Mandarin, Gàidhlig agus Beurla gam bruidhinn anns an aon bhidio. Tha sin neo-àbhaisteach. An lorg thu i?

Taigeis no spring roll?

Taigeis, gun teagamh sam bith.

DràgonRiochdaire Lìn

Seònaid NicIomhair

Riochdaire Lìn

Dleastanasan

Tha mise air obair riochdachaidh dreach Gàidhlig na làraich-lìn a' gabhail thairis bho Laura agus ise a-nis ag obair air làrach eile. Feumaidh mi na dealbhan, an teacsa, a' bhidio agus na faidhlichean fuaim a thèid air duilleagan na làraich a chruinneachadh. Ma tha feum air sgrìobhadh, clàradh no eadar-theangachadh cuiridh mi sin air dòigh. Bidh mi fhìn ag ùrachadh teacsa, dealbhan agus bhidio air na duilleagan bho là gu là ach ma tha roinnean ùra gan cur ris an làraich, thèid na goireasan a chruinnich mi gu Derek agus Sean gus na duilleagan ùra a dhealbh agus a thogail.

Prìomh uidheamachd

Coimpiutair air a bheil bathar-bog Dreamweaver - airson duilleagan a dheasachadh, Editplus - airson obair sgrìobhte a dhèanamh (gun na sràcan a chur bun-os-cionn anns an teacsa Ghàidhlig!), Avid Assist - airson bhidio a ghearradh agus Photoshop - airson meud dhealbhan atharrachadh.

Clàr-obrach

Tha mi air a bhith ag obair air làrach-lìn a' BBC airson ochd bliadhna.

Co-obraichean

Bidh mi ag obair còmhla ri diofar dhaoine air an sgioba aig diofar amannan. Ann a bhith ag ullachadh airson pàirtean ùra a chur ris an làraich, bidh mi ag obair mi gu dlùth còmhla ri Flora agus Cathaidh. Gheibh sinn comhairle air planaichean airson dealbhachd agus còd bho Derek agus Sean. Fhad 's a tha na pìosan ùra gan togail, bidh Derek, Sean agus mi fhìn a' bruidhinn gach là.

An cunntas as ùire aig Seònaid

Coinnich ris a' chòrr den sgioba

dàng àn

(g. tasglann)

  • DiD
  • DiL
  • DiM
  • DiC
  • DiA
  • DiH
  • DiS
  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5
  • 6
  • 7
  • 8
  • 9
  • 10
  • 11
  • 12
  • 13
  • 14
  • 15
  • 16
  • 17
  • 18
  • 19
  • 20
  • 21
  • 22
  • 23
  • 24
  • 25
  • 26
  • 27
  • 28
  • 29
  • 30
  • 31

jiā pŭ

(g. an sgioba riochdachaidh)

An sgioba riochdachaidh

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.