
Feumaidh mi aideachadh gun toil leamsa taigeis, snèip agus buntàta...
Gerald aig Heathrow agus e air a chead-shiubhail a dhìochuimhneachadh. Bhiodh sin èibhinn!
Leas Riochdaire Lìn
Tha dleastanas ormsa dèanamh cinnteach gum bi an làrach-lìn loma-làn stuth a dh' iarradh daoine fhaicinn.
Mo chluasan agus mo mhac-meanmna. Bidh mi a' cur seachad tòrr tìde ag èisteachd ri deagh bheachdan (agus a' tighinn an-àird le tè no dhà mi-fhìn!) agus a' taghadh an fheadhainn bu tharraingiche don làraich-lìn.
Chan e seo ach an dàrna pròiseact agam mar cho-riochdaire air làrach-lìn. Ron phròiseict mu dheireadh dh' obraich mi airson seachd bliadhna nam neach-còdaidh – a' cur codaichean air filmichean-cartùn. Tha mi riamh air a bhith ag obair gu math dlùth ri roinn Ionnsachaidh de BhBC Alba agus tha mi air an t-uabhas obair a dhèanamh air làraich-lìn CBeebies cuideachd.
Bidh mi ag obair gu math dlùth ri Gerald agus Maria gus beachdachadh air rudan ùra. An uairsin bidh mi ag obair an cois Del (Dealbhaiche) agus Sean (Neach-còdaidh) gus na beachdan sin a thoirt air adhart.
(g. tasglann)
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.