
Gu mì-fhortanach, cha bhi càil. A rèir choltais cha leig an neach-còdaidh an leas a dhol gu Sìona. Saoilidh mise, ged-tà, gun toireadh e piseach air m' obair...
Mi-fhìn.
Cha do shiubhail. Tha mi air a dhol air cùrsaichean agus co-labhairtean, ach cha d' fhuair mi thall thairis fhathast.
Nach fhaigh mi an dà chuid?
Còdair
Tha uallach ormsa dèanamh cinnteach gun obraich an làrach-lìn seo agus gum faigh (do leithid fhèin) a-steach ga cleachdadh gun cus dragh – as bith dè an t-seirbheis eadar-lìn a th' agad.
Tha coimpiutair deatamach agus bathar-bog do dh' iomadh seòrsa – ‘s toil leamsa gu sònraichte EditPlus airson HTML, CSS & Javascript a chruthachadh ‘s a dheasachadh. ‘S toil leam Photoshop airson a bhith ag obair le stuth lèirsinneach.
Tha mi air a bhith ag obair an seo aig a' BhBC airson 6 bliadhna gu leth. Roimhe sin bha mi ag obair do chompanaidh beag ann an Dùn Èideann. Chuir mi seachad an dà bhliadhna fichead roimhe sin ag ionnsachadh... rudan.
Derek agus Flòraidh gus dèanamh cinnteach gu bheil na tha mi a' cruthachadh freagarrach dhaibh.
(g. tasglann)
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.