BBC HomeExplore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Notaichean do Phàrantan is do Thidsearan

Ro-ràdh airson Fàilte gu Fuaimean

English

Chaidh na sgeulachdan, na caractaran agus na gnìomhan eadar-obrachail ann am Fàilte gu Fuaimean an dealbh gus mac-meanmna an luchd-ionnsachaidh a ghlacadh. Tha Fàilte gu Fuaimean gam brosnachadh gus an sgilean leughaidh a leasachadh, agus gan cuideachadh gus a bhith nan luchd-ionnsachaidh soirbheachail.

Tha Fàilte gu Fuaimean a' toirt taic don sgeama fonaics, Facal is Fuaim, a tha ga chleachdadh ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus eòlas a thoirt do chlann air leughadh. Ann an Facal agus Fuaim, bidh a' chlann an toiseach ag ionnsachadh nam fuaimean agus nan litrichean Gàidhlig, agus mar a bhios tu gan cur còmhla gus facail a chruthachadh: mar eisimpleir, tha na fuaimean aig na litrichean c agus ù a' dol còmhla gus am facal a chruthachadh. Aon uair 's gu bheil iad air na prìomh fhuaimean agus litrichean ionnsachadh, bidh a' chlann a' tòiseachadh air leughadh, a' tòiseachadh le teacsaichean sìmplidh mar a chithear ann am Facal agus Fuaim.

Tha Fàilte gu Fuaimean a' togail air na trì roinnean de fhaclan air a bheil Facal agus Fuaim stèidhichte. Mar eisimpleir, tha a' chiad earrainn de sgeulachdan, rannan agus gnìomhan a' cleachdadh nam fuaimean leathann, a, à, o, ò, u agus ù, agus nan litrichean a th' air gach taobh dhiubh: m.e. fada.

'S e na fuaimean caol, e, è, i agus ì, a th' anns an dara earrainn, agus na litrichean air gach taobh dhiubh. Tha iad seo nas duilghe oir chan e a-mhàin gu bheil na litrichean 'caol' a' comharrachadh fuaimean sònraichte mar dè agus mi, ach dh'fhaodadh gu bheil iad cuideachd a' comharrachadh gu bheil fuaim 'caol' aig a' chonnrag a tha rin taobh, mar eisimpleir, seo agus càise.

'S e fuaimean coimeasgaichte a th' anns an treas earrainn; litrichean a tha a' tighinn còmhla gus fuaim ùr a chruthachadh, mar eisimpleir, brot, glas, iasg. Chithear liostaichean de na facail a th' anns gach seata gu h-ìosal.

Ann am Facal agus Fuaim, chaidh dèiligeadh ri fuaimean leithid bh, ch, dh, gh, mh, ph, sh agus th mar aon litir. Tha an aon rud fìor mu: ao, ea, eu, ia, ìo, ua.

Tha cuid de fhuaimreagan 'dùbailte' aig a bheil barrachd air aon fhuaim: m.e. fear, geal; ceum, feur; pìos, sìos. Cuideachd, tha dà dhiofar fhuaim aig an litir ò: m.e. còta, mòr.

A' togail air Fàilte gu Fuaimean

A bharrachd air aire an luchd-cleachdaidh a ghlacadh, dh'fhaodadh an goireas cruthachail seo a bhith air a chleachdadh ann an iomadh dòigh.

Bheir sgeulachdan mac-meanmnach na làraich luchd-ionnsachaidh air turas còmhla ri na trì prìomh charactaran, Cù Caol, Cat Cadalach agus Luchag Luath.

Tha rannan agus duanagan spòrsail air an cleachdadh, le làn-thaic lèir-chlaistinnich, gus an luchd-ionnsachaidh a dhèanamh mothachail air fuaimean na Gàidhlig.

Tha susbaint na làraich mar a leanas:

Tiotal (sgeulachd, rann, duanag)Fuaimean gan cleachdadh
Bùth Bò-Bhàn (sgeulachd)Fuaimean leathann
Turas anns a? chàr (rann)Fuaimean leathann
Cuairt gu Màrs (sgeulachd)Fuaimean caola
Na rudan a chunnaic luchag (duanagan)Fuaimean caola
Na cur-seachadan aig Cat Cadalach (sgeulachd)Fuaimean coimeasgaichte
Na cur-seachadan aig Cù Caol (sgeulachd)Fuaimean coimeasgaichte
Na cur-seachadan aig Luchag Luath (sgeulachd)Fuaimean coimeasgaichte
Rudan is toil leinn (duanagan)Fuaimean coimeasgaichte
Rudan nach toil leinn (duanagan)Fuaimean coimeasgaichte

Ma tha duilgheadasan aca, faodar cuideachadh a thoirt don luchd-ionnsachaidh ann a bhith 'a' fuaimneachadh' nam faclan a th' anns na sgeulachdan agus anns na rannan ann an Fàilte gu Fuaimean. Bu chòir am brosnachadh, ged-tà, gus oidhirp mhòr a dhèanamh leotha fhèin oir bheireadh seo dhaibh tòrr a bharrachd misneachd.

Faodar mothachadh chloinne mu fhuaimean agus litrichean – na 'sgilean fonaics' aca – a dhaingneachadh le bhith a' cluich le na facail a th' anns na teacsaichean. Mar eisimpleir:

  • A' cleachdadh sgeulachd no rann, tagh facal, 'can' na fuaimean a tha a' dèanamh an-àirde an fhacail (gu math sgiobalta agus gun a bhith a' cur cus cuideim air na fuaimean fa-leth) agus dèan cinnteach gu bheil an neach-ionnsachaidh 'a' cluinntinn' an fhacail – m.e. b ... a ... g ... a = baga
  • Èigh a-mach am facal gu soilleir, slaodach; iarr air an neach-ionnsachaidh èisteachd ri, agus cantainn, na fuaimean sònraichte – m.e. baga = b ... a ... g ... a
  • Cluich geamannan no dèan farpaisean de na gnìomhan seo
  • Cruthaich 'sgeulachdan' agus 'rannan' le bhith a' cleachdadh cuid de na facail a th' anns na liostaichean gu h-ìosal
  • Cruinnich facail anns a bheil an aon fhuaimneachadh: m.e. cat, cù agus cù, bùth.
  • Cuir facail còmhla gus abairtean a chruthachadh, m.e. brògan brèagha, òrd a' bualadh òrdag ...
  • A' cleachdadh chairtean le litrichean singilte orra, brosnaich an neach-ionnsachaidh gus facal, no facail, Ghàidhlig a chruthachadh
  • A' cleachdadh chairtean le lidean no litrichean 'dùbailte' orra, brosnaich an neach-ionnsachaidh gus facail Ghàidhlig a chruthachadh – m.e. dor- agus –as = doras; cr ... ao ... agus bh = craobh

Na facail a th' ann am Fàilte gu Fuaimean

Fuaimean Leathann

aach, aran, baga, cat, dad, fada, math
à fàg, bàta, bhàta, càl
ao aon, caol, taobh
o dol, dona, doras, loch, pocan
ò còta
ò mòr
ù
u cupa, gu, luchag, tunnag
ua fuar, luath
b baga, bàta, bogsa, bò, bùth
bh bha, bhàn, bhàta, bhogsa, bhòrd; cabhag, taobh
c cadal, cadalach, caol, cat, càr, còta, cò, cù, cùm, cupa, cur car
ch chadal, chàr, chùl, chùm; ach, loch, luchag
d dad, dol, dona, doras; fada
f fàg, fuar
g gu, gus; baga, fàg, luchag
l làmh, latha, loch, luath, luchag; càl, caol, dol
m math, mòr, muc; chùm
mh mhòr
n aon, dona
p pana, pocan; cupa
r ròn, ròp; doras, fuar, mòr
s sona, suas; doras
t taobh, tunnag, turas; bàta, cat, còta
th tha; bùth, latha, luath, math

Fuaimean Caol

aiaiste, splais
àiàite, càil, càise, càite
aoisaoil
èdè, glè, tè
ee
eaceart, dearg, each, feargach, gheal, ghealach, seacaid, seachad, seachd
eacearc, deasg, fear
ceàrr
eibheil, bheir, deiseil, eile, leis
èichèile, èist, fèis, gu lèir, tèid
eodeoch, seo
beò, ceò, ceòl, cheò, feòrag, gu leòr, neònach
eubheul, feuchainn, feur
eucreutair, feumaidh
ia-nise, fichead, idir, ise, ite, mise, nis, pinc, piseag, ri, ris, silidh, sin, sinc
ìdìreach, tì, tìde
iabiadh, iarraidh, iasg
iobriogais, mionaid
ìobìogail, pìos, sgrìobhadh
ìoshìos, sìos
iudiugh, siud
òicòig
oicoin
uaifuaimean, uair, nuair
uichuir, cluiche, cuideachd, duine, fuireach, fuirich, luideach, thuirt, uile, ruith, shuidhe, shuipear, thuit, uinneag, uisge
ùidhùin, dhùisg, sùil

Fuaimean Coimeasgaichte

bhrbhris, bhrochan, bhrot
blblasta, blàth
brbragadaich, brèagha, briogais, briosgaidean, brògan, brot
chdbhochd, sneachda
chlchlach
clclach, cluiche
cncnàmh, cnap, cnoc
crcraobhan, crathadh, creag, creutairean, crosta, crùbag, cruaidh; acras
ghlghlanadh, ghranaidh
glglagadaich, glan, glana, glasa
gncagnadh
grgreannach, grianach, grod
gsbogsa
lbhdealbhan, falbh
lgtilgeil
ntpheant
plplèan
ptsgapte
rbhgu dearbh, searbh
rchdorcha
rdàrd, bhòrd, chòrd, òrd, òrdag
rgdearg
rmgorm
rstùrsach
rtcairt, cuairt, dhòirt, dòrtadh
sg sgeul, sgian, sgiathan, sgìth, sgoil, sgòth, sgòthan, sguab, sguir
sgfaisg, iasg, dhùsgadh, measg, rùsg, rùsgadh, uisge
sgrsgrìobadh
shrshrac
slslaman, slaod
snsnàmh, snàth
spspòg, spòrs
srsràbh, sracadh, srann, sreap, sròn
staosta, caisteal, crosta, ròst
ststad
trtràigh, trang, trod, truinnsear

Tha dhòigh anns am faodar sealltainn ris an làraich:

  1. Cruth Flash - Tha an làrach leasaichte a' cleachdadh dealbhan-beò agus fuaim, agus mar sin tha Flash a dhìth.
  2. Cruth HTML - Tha an làrach bhunaiteach a' cleachdadh dhealbhan, agus tha i freagarrach do choimpiutairean a tha nas sine no nas slaodaiche. Dh' fhaodadh cuideachd gun cleachdar seo airson ath-sgrùdadh oir tha smachd aig an neach-cleachdaidh air dè cho luath 's a thèid iad.

Cùisean Teicnigeach

Gus am faigh thu air os-mheud na sgrion fhaicinn cuir dheth cuid de na bàraichean-uidheim. Ma tha thu a' cleachdadh Internet Explorer gheibh thu lorg orra le bhith a' dol gu 'View' agus a' sònrachadh 'Toolbars' no 'Explorer Bar'.

Feumaidh tu pluga 6 Flash airson earrann eadar-ghnìomhach Flash den làraich seo fhaicinn. Gabhaidh seo a dhèanamh gu sìmplidh, gu sàbhailte is saor 's an-asgaidh bhon cheangal seo: www.macromedia.com/software/flashplayer

Airson èisteachd (ma tha cairt fhuaim air do choimpiutair) feumaidh tu pluga Real Player. Airson seo a thoirt a-nuas an-asgaidh rach gu:- www.bbc.co.uk/webwise/guides/plug/plug2.shtml

Mu dheireadh, airson comhairle is stiùireadh ann a bhith a' toirt a-nuas is a bhith a leasachadh sgilean do choimpiutair rach gun làraich a leanas:- www.bbc.co.uk/webwise/basics/going_34.shtml

Sgioba Riochdachaidh

Riochdaire: Laura NicRisnidh

Àrd-riochdaire: Jo NicDhòmhnaill

Dealbhadair: Dòmhnall I Dòmhnallach, Sealgar Internet Solutions

Còd: Dòmhnall I Dòmhnallach, Sealgar Internet Solutions

Sgrìobhaiche: Dòmhnall Iain MacLeòid, Comhairle Roinn na Gàidhealtachd

Dealbhan: Karen NicAoidh, Blue Heron Creative Services

Comhairlichean Foghlaim: Dòmhnall Iain MacLeòid, Cathaidh NicLeòid

Guthan: Kirsteen NicDhòmhnaill, Sarah Cruikshank, Calum MacAmhlaigh, Màrtainn Dòmhnallach, Cailean MacLeòid, Shona Mhoireasdan.

Chaidh an làrach a co-mhaoineachadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus BBC Alba.



About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy