Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 10 Samhain 2009

  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5

Seanfhacail agus Abairtean

A' toirt ceann an eich as an aimhreit

Nam biodh tu a' toirt ceann an eich as an aimhreit bhiodh tu a' feuchainn ris an t-sìth a ghlèidheadh air dòigh a choireigin.

Nuair a bhios tu fo bhuille na peat

'S dòcha nam biodh cuideigin ann nach gabhadh feart dh'fhaodadh tu cantainn ris, can ma bha e a' dol gu obair no gu sgoil no leithid, "Bheir mis' ort nuair a bhios tu fo bhuille na peat" a' ciallachadh "Ni thu an uairsin e".

Bho chailleach às a' Rubha, Leòdhas

'S ann ort a tha a' luathair-bheòil

Chanadh tu sin ri duine nach glèidheadh rud aige fhèin.

Cladhan na h-aibhne

Ma chì thu abhainn a' ruith a-mach air tràigh, agus làrach na h-aibhne as a' ghainmhich, sin cladhan na h-aibhne.

Cladhan do shinnsireachd

Chante seo ris a' cheangal a bha agad ri do shinnsireachd.

Chante "Thusa ag earbsa à cladhan do shinnsireachd!" ri duine nach robh 's dòcha cho comasach ri daoine a bha air a thighinn roimhe, ged a bhiodh e fhèin a' dèanamh uaill mar gum biodh as na daoine dom buineadh e.

Na bradain ri cladh

Chì thu a-mach deireadh na bliadhna na bradain a' feuchainn chun nan aibhnichean agus bradan fireann 's bradan boireann a' dol còmhla agus a' sìolachadh.

Chi thu an dà bhradan ri taobh a chèile as a' ghainmhich a-rithist agus sin na bradain ri cladh.

Dè a' raoilig a th' ort?

Nam biodh tu a' dol a-mach le rud ort nach robh uabhasach freagarrach airson na h-aimsir, chainte "Dè a' raoilig a th' ort a' sin?"

Cha tugadh e athamas do dhuine sam bith

Chante seo mu dhuine nach èisdeadh ri duine eile, duine nach gabhadh comhairle, nach gabhadh suim as a' rud a bhathas ag ràdh ris.

Le do theanga ann am pluic duine eile

Ma tha thu ann a' suidheachadh far a feum thu cuideachadh iarraidh air duine eile, oir chan eil dòigh agad an rud a dèanamh dhut fhèin, tha thu "le do theanga ann am pluic duine eile!"

Bho chailleach às a' Rubha, Leòdhas

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.