Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 10 Samhain 2009

  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5

Facail

Feadain

Feadan na pìoba
  • 'S e feadan na pìoba am pàirt den phìob-chiùil air am bi duine ag obair le mheuran.
  • Bha feadan na cruaich air a chruthachadh le poca ann am meadhan na cruaich fheòir, a' togail a' phoca suas gu ruigeadh tu bile na cruaich, agus a' fàgail cladhan ann am meadhan na cruaich.
  • Tha am bainne a' tighinn tro fheadan ann a' sine na bà.
  • Bha feadan bàthaich dìreach mar drèanaichean air am fàgail fon a' làr agus iad a' ruith air fad an taighe. Bha na taighean air an togail mar gum biodh iad a' ruith leis a' bhruthaich, 's bha na feadain seo annta gus nach cruinnicheadh uisge no fliuchadh sam bith a bhiodh anns an làr, gu sìolaidheadh e air falbh.
  • Nuair a tha uisge a' dòrtadh le creig, mar eas bheag, 's e feadan uisge a chante ris.
  • Anns na taighean tughaidh bhiodh iad a' fàgail toll fasgnaidh as an t-sabhal mu choinneamh an dorais. Nuair a dh' fhosgladh tu an toll a bha sin, bha gaoth a' dol tron an taigh, 's nuair a bhiodh tu a' fasgnadh, dh'fhalbhadh a' ghaoth a bha sin leis a' chàth. Sin feadan fasgnaidh.
  • B'e feadan na h-àth a' rud ris an canadh cuid a' sòrn. Bha e a' falbh bho far an robh an teine, an teallach, suas chun an t- surraig.
  • Nan canadh duine riut gu robh feadan eadar do chluasan, bhiodh e a' ciallachadh, na bheachd-sa, nach robh mòran nad cheann!

Amannan sònraichte

A' chiad dias air Latha Fhèill Eòin

Latha na leacan

B' e na leacan seo na leacan a bhiodh air uachdar nan dìgean no nan cladhain, 's bhiodh daoine gan togail an ceann a h-uile ùine airson an glanadh ach am biodh cothrom aig an uisge ruith.

Làithean Fèille

  • Fèill Brìghde: 1 Gearran
  • Fèill Pàdraig: 17 Màrt
  • A' Chàisg
  • Fèill Eòin: 22 Ògmhios
  • Fèill Mhìcheil: 29 Sultain
  • Fèill Mhàrtainn: 11 Samhain
  • Fèill Anndrais: 30 Samhain

Rann

Nach ioma fear buidhe na shuidh' ann an Uibhist
Nach itheadh na h-uighean 's a' Charghas,
A rachadh don aonach, 's a ghoideadh na caoraich
Ged chrochte le taod no le cainb e.

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.