An dèidh a bhith ag èisteachd ri Peigi NicIllÌosa a' bruidhinn air taigh-earraich, bha Iain, Flòraidh agus Fionnlagh a' beachdachadh air an diofar eadar leabaidh ann an taigh-earraich agus crùb.
Fionnlagh: Tha a' chrùb a-steach dhan a' bhalla, a-steach a dh' ùdabac a' bhalla, ach a' leabaidh as an taigh-mòintich no as an taigh-earraich, bha i, mar gum biodh, an ceann shuas a' rùm, agus bhiodh i air a dhol a-steach air a h-amladh dhan a' bhalla, ach cha robh i mar gum biodh a-steach a bhroinn a' bhalla.
Iain: Ach, thog mi ceàrr i, thog mi ceàrr i.
Fionnlagh: Sin a' rud air a bheil crùb.
Iain: 'S e, 'S e. O, 's ann a thog mise gu robh, gu ìre, mar a bha i a' bruidhinn, gu robh na h-uibhir dhan a sin ann a' leabaidh an taigh-earraich cuideachd. Ach tha mi tuigs' bhuat fhèin...
Fionnlagh: Gur e platform as a' cheann shuas a bh' ann, eil fhios agad. 'S bha am balla timcheall oirre gu dearbha.
Flòraidh: Ach an ann air a togail air leth a bha an leabaidh no robhas ga togail, ga fighe a-steach ris a' chlachaireachd nuair a bha iad a' togail?
Fionnlagh: 'S dòcha gu faodadh i a bhith air a fighe a-steach ris a' chlachaireachd ach bha i mar platform. Bha i sin as na bothan, as na seann bhothan cuideachd. 'S na bothan a th' ann a' Sùlasgeir, platform mhòr man... sin a bha na leabaidh. Agus sin a bha as a' cheann shuas.
Chì thu fhathast as na tobhtaichean as na taighean-mòintich iad. Agus an fheadhainn a b'fheàrr, bha iad a' dol a-steach dhan a' bhalla mar gum biodh na h-uiread, ach cha robh iad a' dol a-steach cho domhain ann 's a bha crùb a' dol. Cha b' e an aon seòrsa leabaidh a bh' ann idir. Tha a' chrùb tòrr nas sine.
Tha Iain agus Fionnlagh a' cuimhneachadh air duine a bha anabarrach cudthromach ann am baile, an constabal.
Iain: 'S e sin an duine a bha air a thaghadh mar gum biodh le luchd a' bhaile airson a bhith, mar gum biodh, a' riaghladh, agus 's e a' rud a bha mi airson a thogail gu ìre, 's e, tha, 's e nuair a bhite a' taghadh an duine a bha seo, tha, gu robh e faisg air a' dol air a mhionnan gu sealladh e as dèidh an àite 's as dèidh nam beathaichean cho math 's a b' urrainn dha.
'S bha a' rud a' dol chun na h-ìre gu robh e a' toirt dheth a bhrògan 's a stocainnean agus a' dol air a chasan lomnochd na sheasamh air an talamh.
Fionnlagh: Chan eil mi a' tuigs' cò às a tha thu a' faighinn feadhainn dha na rudan leis a bheil thu a' tighinn...
Iain: Tà, well, eil fhios agad...
Fionnlagh: Càite robh constabal air a chasan lomnochd?
Iain: Ma dh'fhuireas tu! Bha an constabal an uairsin, bhiodh e cuideachd a' toirt dheth a bhonaid agus bhiodh e a' dol air a mhionnan air beulaibh nan daoine gu sealladh e as dèidh, tha mar a thuirt mi, na beathaichean 's mu dheidhinn timcheall an talamh 's mar sin air adhart.
Agus 's e a' mionnan a bhiodh e a' gabhail, 's e tha, gum biodh e "ann am fianais ùir is adhair, am fianais Dhè agus dhaoine" gun dèanadh e a h-uile càil a bha sin.
Fionnlagh: Well, Iain, tha e a' cur fìor iongantas ormsa gad èisteachd a' cantainn gur e luchd a' bhaile a bha a' taghadh chonstabail. Chan e sin an dealbh a th' agamsa orra idir.
'S ann a bha mise a' smaoineachadh gu robh iad ann a' siostam an uachdarain agus an t-siamarlain. 'S ann as a' bhaile a bha iad a' fuireach ach 's e feadhainn a bha a-staigh air siostam a' chumhachd a bh' ann. 'S cumhachd gu leòr aca fhèin. Agus pìos fiodh aca, batan aca bhon an uachdaran airson gur iad lagh an uachdarain aig ìre a' bhaile.
Agus bhiodh e math dha-rìribh cluinntinn dè an dealbh a th' aig daoine air a' chonstabal.
An e a' toirt... tha fhios agamsa fear a bh' ann a Siabost mar sin a' gearradh iris a' chlèibh air banntrach gus an tuiteadh an cliabh smùr bho druim bho nach robh i air cead iarraidh bhuaidhe-san, 's air-san, 's rudan mar sin.
Iain: Well, 's e a' cheist a thugainn-sa fa chomhair sin, gur h-iongantach mar a bheil mi ag aontachadh gur ann mar sin a thòisich a' rud, ach mas do chrìochnaich, mar gum biodh, dreuchd a' chonstabail agus bha e a' dol, 's tha cuimhn agam fhìn a bhith a' cluinntinn mo sheanmhair a bhith a' bruidhinn air, tha, an dùil an robh e air gluasad à sin agus gu robh duine mar a thuirt mi-fhìn air a thaghadh as a' bhaile a bha mar gum biodh a' dìon còraichean a' bhaile agus nach robh a' rud cho buileach borb 's a tha thusa a' dèanamh dheth, mas do sguir e.
Tha mi a' gabhail ris gur dòcha gu robh agus gu bheil a' facal fhèin faisg air a' cantainn gu robh cumhachd agus, tha, urram agus àite aig an duine.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.