Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 16 Ògmhios 2009

  • 1
  • 2
  • 3
  • 4

Anns an taigh-earraich

Being

Thill Iain MacIlleathain a Nis, Leòdhas, airson cluinntinn bho Pheigi NicIllÌosa cò ris a bha e coltach a dhol chun na h-àirigh agus fuireach anns an taigh-earraich. Bha daonnan fadachd oirre faighinn ann nuair a dhùnadh an sgoil as t-Samhradh agus piuthar a h-athair a-muigh roimhpe.

Iain: Nach dèan sibh a-nise dealbh dhomh air an àirigh. Cò ris a bha i coltach na broinn?

Peigi: Bha connlach... ri seann chùl a choireigin a bh' aig an taigh, tha mi creids', air seann sabhal, ach nuair a dheidheadh tu a-steach, bha mar gum biodh dà, mar dà bheing, fear air gach taobh.

Agus sin an aon àite-suidhe a bh' ann, mur a biodh stòl beag no rud mar sin. Agus air uachdar sin 's e sgrathan. Tha mi creids' gur e na fireannaich a bhiodh a' gearradh sin. Bhiodh iad mòr mar sin, agus bha fraoch air a chuir ann gus am biodh iad tioram no rudeigin, agus bha an uairsin na sgrathan seo air a mhuin.

Nuair a bha sinne a' dol a-mach bha 'd cho tioram ri càil. Uaireannan, 's mathaid gum biodh pìos de sheann clò no plaide no rudeigin a choireigin mar sin air uachdar, ach bha e cho cofhurtail suidhe air no even cadal air.

Agus an ceann shuas an àirigh bha leabaidh. Nise bha an leabaidh sin air a clachaireachd nuair a chaidh an taigh a thogail. 'S e clachan a bh' innte, dìreach gu àrd an leap, as bith dè a bha na bhroinn. Tha mi creids' gur e clachan beaga is smùr is talamh. Chan eil fhios agamsa.

Ach nuair a dheidheadh iad a-mach an toiseach bha 'd a' buain an t-uabhas fraoch. Bha fraoch gu leòr ann. Agus bha ultaich de fhraoch a' dol air uachdar a' leabaidh sin. Nise bha i cho leathann, bha i dìreach as a' bhalla, agus bha na bha sin de fhraoch a' dol air uachdar agus chanadh tu gu robh sin gu math cruaidh a dhol a laighe air, agus bha e.

Nise, bha na fir, na fireannaich a' toirt a-mach, tha, pocannan mòra làn fodar, connlach.

'S bha sin a' dol air uachdar a' fhraoch sin. Glè thric bhiodh pocannan, eil fhios agad, poca, sacking. Bhiodh iad eadar a' fraoch agus sin, agus bha e cofhurtail gu leòr.

Iain: Bha.

Peigi: Cha do chuir sinne a-riamh càil a dh'umhail air nach robh, co-dhiù. Agus an t-aodach-leapa, bha iad a' toirt a-mach leotha dà phlaide is cuibhrig agus dà chluasag, agus mur a biodh sin gu leòr chuireadh tu rudeigin fodha airson togail na b' àirde ged a b' e, 's dòcha gur e pàirt dhan aodach a bhiodh a... seann chòta mòr na rud mar sin fon chluasag mur a robh e àrd gu leòr.

Nise, ann an ceann shìos an taighe, an àirigh, bha àite dhan a' bhò. Ach cha robh bòrd-isean no càil ann.

Iain: Tha mi a' tuigs'.

Peigi: Bha thu a' coimhead a' bhò ann a' shiud agus thu as a' leabaidh. Agus i ga do choimhead 's i a' cnàmh a cìr. Bha seo snog. Agus bhiodh i a' gnùstaich leatha fhèin agus nuair a bha i seachd sgìth dhen a sin 's a bhiodh i a' dol a laighe, eil fhios agad, bha i a' dèanamh osann mhòr agus a' laighe sìos an uairsin.

Sgeilpichean

Tha Peigi ag innse mun àirneis a bh' anns an taigh-earraich.

Peigi: Cha robh mòran. Am preas a bha 's an taigh-earraich as an robh sinne, 's e seann chiste a bh' ann. Ach bha a' chòmhla air a thoirt dheth, eil fhios agad, ceann na ciste, agus doras nàdarrach air a chuir ris.

Agus bha trì sgeilpichean air a chuir ann.

Agus 's e na rudan important a bha air na sgeilpichean seo, na miasan leis a' bhainne.

Iain: Tha mi a' tuigs'. 'S e.

Peigi: Agus bha i a' cur nam miasan sin ann a' shin. Agus bhon a bha an t-àite cho beag 's cho cosy 's cho blàth, gu h-àraidh as t-Samhradh, cha robh e a' toirt fad sam bith, eil fhios agad, gu robh iad tiugh.

Chuireadh i ann iad, can am bainne a-nochd, tha... chan fheumadh tu a dhol air àrainn a-màireach no, chan eil cuimhne agamsa an ann an ath latha a-rithist. 'S bhiodh e cho tiugh 's chitheadh tu am bàrr cho buidhe...

Peigi: Ach a-nise, nuair a dh'èireadh sinn as a' mhadainn, bha dà allt, 's e A' Ghil an t-ainm a bha air an dàrna fear, a' tighinn sìos mun doras. Bha thu a' dol sìos mar sin chun an allt.

Agus bha clach mhòr, mhòr ann a' shin 's an t-uachdar aice cho flat. Nise bha i a' toirt oirnn a h-uile madainn a dhol sìos ann a' shin, 's bha i a' toirt dhuinn siabann, an aon chnap siabainn, 's chan fheumadh tu a chaitheamh cus, fhàgail as a' bhùrn.

Bha thu ga chuir air a' leac seo is bha thu, duine as dèidh duine againn, a' dol sìos ga nighe fhèin ann a' shin.

'S bha thu an uairsin a' tighinn suas air an fheur mar gum biodh tu brèagha, glan 's bhiodh an teatha aice ga dhèanamh deiseil dhuinn. 'S mathaid gun bhruich i ugh dhuinn 's bhiodh aran-eòrna no sgonaichean. O, bha i math air sgonaichean a dhèanamh air an t-seann frypan, 's iomadh càil a bh' oirre!

Agus, tha... bhiodh mo bhràthair Iain a' cuimhneachadh gu robh sgàinean air a' frypan 's gum biodh sinn a' feuchainn ri faighinn, am faigheadh sinn am pìos sgona far an robh làrach a' sgàinean!

Iain: Well, nach b' àraid na rudan a bh' ann!

Peigi: Nach b' àraid!

Iain: Am biodh sibh a' faighinn a' bhàrr idir a-nis? Am biodh i a' toirt dhuibh...

Peigi: O bhiodh. O bhiodh, ach chan fheumadh sinn a dhol air àrainn a' bhàrr gun tugadh i fhèin dheth e.

'S bha crog aice ann a shiud, crog ruadh, agus bhiodh i a' cur a' bhàrr ann. Agus bha i a' dèanamh na h-uiread. Bhiodh i an còmhnaidh a' feuchainn, an dàrna seachdain co-dhiù a dheidheadh i dhachaigh, gum biodh rud beag de dh'ìm ùr aice... Bha i a' saoilsinn tòrr dhan chnap ìm. B'fheàrr linne am bàrr!

Bha sileagan eile aice le bàrr is dh'fhaodadh sinn ithe. Dh'fhaodadh sinn fhaighinn le pìos uair sam bith no mar sin.

Ach chan fheumadh sinn a dhol air àrainn na miasan gun tugadh i fhèin am bàrr dheth, gun toireadh i fhèin dheth e. Bha slige aice. Dè bh' ann? Slige a' chreachain?

Iain: 'S e.

Peigi: Sheadh, slige a' chreachain aice ma tha, agus bhiodh i a' togail sin 's ga chuir dhan a' chragan ud.

Agus a-nis bha an cragan seo, bhathas a' dol a dhèanamh ìm leis. Chan fheumadh tu a dhol an àrainn sin air do bheatha. Agus bha sinn cho cinnteach gun aithnicheadh i nan deigheadh sinn air àrainn, 's nach deigheadh!

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.