Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 14 Giblean 2009

  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5

Bìog, Biùg agus Biùgan

Biùgan

Bidh tu a' cluinntinn bìog ach bidh tu a' faicinn biùg.

Canar "Cha chuala mi bìog bhuaipe." no "Cha tàinig bìog bhuaipe." Faodaidh tu bruidhinn air guth bìogach a bhith aig duine.

Chanadh tu "Chan eil biùg solais aca!" nam biodh taigh dorch, no "Cha tàinig biùg as an teine" ma bha e doirbh a lasadh.

Bha fear de luchd-èisteachd Facal Oirbh ag innse mu na làithean nuair a thàinig toirdseachan chun na Gàidhealtachd an toiseach. Cha bhiodh iad laiste fad na h-ùine idir 's chan fhaiceadh tu ach biùg solais bhuapa an-dràsta 's a-rithist.

Bha e ag ràdh gur e seo a bu choireach gun cante biùgan ri toirdse.

Sgeir nan Clach agus Bàgh na Ceàrdaich

Caisteal Steòrnabhaigh

Ann am Facal Oirbh 07/04/2009 chaidh Sgeir nan Clach ainmeachadh. B' e seo eilean beag ann am beul Loch Liùrboist, a-mach bho chladach Chrosaboist, ann an Leòdhas, as an tàinig co-dhiù cuid de na clachan leis an deach gàrraidhean a tha timcheall Caisteal Steòrnabhaigh a thogail.

Bha Iain MacAmhlaigh à Rathanais, Leòdhas, ag innse do dh' Iain MacIlleathain gur e Bhatarsaigh an t-ainm a tha air an eilean a tha ri taobh Sgeir nan Clach. Saoilidh tu gu bheil an t-eilean beag seo na dhà phìos, agus gu dearbha tha dà ainm air - Bhatarsaigh Chorrach agus Bhatarsaigh Staoin.

Ann an Bhatarsaigh, tha bàgh brèagha agus tha tobhta an ìre mhath air an tràigh. Aig aon uair b' e ceàrdach a bha seo, anns am bite a' dèanamh nan innealan agus na geinnean leis am biodh iad a' briseadh nan clach air Sgeir nan Clach.

'S e Bàgh na Ceàrdaich a tha air a' bhàgh agus tha e coltach ma thèid thu gu Sgeir nan Clach gu faic thu fhathast cuid de na geinnean ann an clachan nach deach aca air briseadh.

A' cho-thràth

Sgrìobh Ceit NicAoidh, Borgh na Sgiotaig, An t-Eilean Sgiathanach a ràdh gu cinnteach gur e àm an fheasgair a bha seo. Airson tighinn an latha chleachdadh i beul an latha, briseadh na fàire agus càil an latha.

Sìde

Sìde na h-ionad

Chante gu robh an t-sìde na h-ionad ma bha an t-sìde mar a dhùilicheadh duine i bhith aig àm sònraichte sam bith dhen bhliadhna.

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.