
Sgrìobh Eachainn Ruadh Mac a' Ghobhainn à Liùrbost is Dun Èideann a dh'innse mu rud a dh'ionnsaich e ann an "Colaiste Mhurchaidh Saighdeir". Seo an t-ainm a bha aige air bùth a bh'ann a' Liùrbost, Bùth Mhurchaidh Saighdeir, a bha tric air a cleachdadh mar thaigh-cèilidh.
"Tha gàrraidhean faisg air ceithir thimcheall air a' Ghearraidh Chruaidh, am fearann a tha timcheall Caisteal Leòdhais ann a' Steòrnabhagh. Air aon thaobh, 's e abhainn a tha dèanamh a' chrìch. Ma sheallas tu ri na gàrraidhean tha iad air an deagh dhèanamh.

Ma sheallas tu ris an dà phrìomh gheata air a faigh thu steach dhan Ghearraidh Chruaidh, aig Porter's Lodge agus aig Loidse Marybank, chì thu gu bheil am balla a' faomadh air falbh bhon rathad agus a' dèanamh man leth-cearcall leis a' gheata ann am meadhan a' chearcaill. Bha seo dìreach ach am biodh an geata bìdeag nas fhaide bhon rathad mhòr.
Ma sheallas tu gu mionaideach ris a' chlachaireachd as a' chearcall a tha sin tha i ag atharrachadh gu mòr agus chan eil na clachan idir mar a tha iad as a' chòrr dhan a' bhalla. Tha na clachan square air an tionndadh ach am bi iad riut mar chumadh daoimean agus gob na cloiche sìos ris an talamh agus gob eile an àrd."
Bha Eachainn ag ràdh gun deach na gàrraidhean seo a thogail nuair a bha an oighreachd aig Clann Ic Mhathain, agus thug iad clachairean as a h-uile oisein dhan a' Roinn Eòrpa a dh'obair orra. B' e Eadailteach a thog na prìomh phìosan balla.
Tha e coltach gun d' thàinig na clachan a tha anns na gàrraidhean a tha timcheall a' Ghearraidh Chruaidh bho eilean beag ris an canar Sgeir nan Clach a tha am beul Loch Chrosaboist. Tha clachan air leth math airson clachaireachd air an eilean agus bha iad furasta am briseadh ann an cumadh sònraichte. Leanadh iad far am buaileadh tu iad leis an sgeilb 's leis an òrd. Bhathas a' toirt nan clachan bho Sgeir nan Clach a-steach gu Rubha nan Cudaigean, is às a sin a' falbh leotha ann am baraichean agus ann an cairtean a thogail nan gàrraidhean.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.