Evelyn Coull
Is mise Evelyn Coull agus ’s ann bho na Lochan ann an Leòdhas a tha mi agus tha mi fhathast a’ fuireach ann an sin.
Is mise Evelyn Coull agus ’s ann bho na Lochan ann an Leòdhas a tha mi agus tha mi fhathast a’ fuireach ann an sin. Bha mi aig Oilthigh Ghlaschu far an do rinn mi ceum a bha a’ gabhail a-steach Gàidhlig agus Ceilteach – tha e duilich dhomh a chreids gu bheil deich bliadhna on a cheumnaich mi – mo chreach! Tha mi air a bhith an sàs ann an diofar obraichean on uair sin; bho bhith a’ teagasg Gàidhlig ann an Àrd Sgoil MhicNeacail gu bhith nam Oifigear Conaltraidh aig Ughdarras Ionadail. Tha mi an-diugh ag obair taobh a-staigh Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar ged a bhios mi fhathast a’ dèanamh obair telebhisean nuair a gheibh mi cothrom. Tha mi gu math toilichte a bhith air ais aig an taigh còmhla ri mo charaidean agus mo theaghlach agus tha mi an-sàs ann an diofar buidhnean coimhearsnachd agus cuideachd a’ seinn ann an Còisir Ghàidhlig nan Loch.
Chòrd e rium gu mòr a bhith aig fèis na bliadhna seo ann an Gallaibh, agus fhuair mi cothrom coinneachadh ri daoine nach fhaca mi o chionn greiseag, a thuilleadh air a bhith a’ coinneachadh ri cuid de shàr rionnagan saoghal ceòl dùthchail.
Evelyn Coull
I am Evelyn Coull from Lochs in Lewis. I attended the University of Glasgow where I gained a degree in Gaelic and Celtic – it’s hard for me to believe that ten years have passed since I graduated – my goodness! I have been involved in different jobs since then; from teaching Gaelic in the Nicolson Institute to being a Communications Officer at the Local Trust. I currently work in the Education Department at Comhairle nan Eilean Siar (Western Isles Council), although I still do television work when I get the chance. I am very happy to be home with my friends and I am involved in different things in the community, including singing with the Lochs Gaelic Choir.
I really enjoyed the festival this year in Caithness and I got a chance to meet people that I hadn’t seen for a while, as well as meet true stars from the world of country music.

