Main content
Coinneach Mac a' Ghobhainn
Seo na freagairtean aig Coinneach Mac a' Ghobhainn
| Fact title | Fact data |
|---|---|
| Cò an duine mu dheireadh ris an do bhruidhinn thu air a' fòn? | Bodach à ionad-fòn Sasannach a bha ga mo chuideachadh gus mo phost-d a chur air dòigh – |
| Dè thuirt e? | Cha d’thuirt cus – ach h-abair gu robh e glugach a’ feuchainn ri m’ainm a ràdh! |
| Dè bh' anns an teachdaireachd teacsa mu dheireadh a fhuair thu? | Anndra, riochdaire Rapal, ag innse dhomh a bhith “glamoured” up airson dealbh larach-lìn Rapal… gu mi-fhortanach cha chreid mi g’eil leithid de dh’fhacal agam nam fhaclair mar a chithear |
| Dè an ringtone a th' agad? | ‘S e fonn spaideil ris an canar “Samsung Melody”a th’air am fòn agam an-dràsda – cha robh e ach £10 not ann an Tesco – baragan! |
| Dè an àireamh as fheàrr leat? | 7 |
| Nam biodh cothrom agad coinneachadh le duine sam bith - beò no marbh - cò bhiodh ann? | Bu chaomh leam fear dhe na comedians ainmeil sa latha-an-diugh a choinneachadh – can Michael MacIntyre na Kevin Bridges neo cuideigin. |
| Nan deigheadh film a dhèanamh mu do bheatha, cò an cleasaiche a chluicheadh am pàirt agad fhèin? | ‘S mathaid gum biodh aon dhe na “Chuckle Brothers” neo Rowan Atkinson freagarrach |
| Am bi thu a' seinn sa frasair? | Cha bhiodh uinneagan air fhàgail san taigh-beag ma bha! |
| Dè am film as fheàrr leat? | Leis gur e “anorak” sgriosail a bh’unnam (a th’unnam?) bha Lord of the Rings an-còmhnaidh air agam nuair a bha mi òg – ach an-dràsta ‘s caomh leam “The Dictator” aig Sasha Baron Cohen. |
| Am bi daoine a' litreachadh d' ainm ceàrr | Man as àbhaist, tha an litreachadh ceart gu leòr, ach hòbhan ò ‘s e’n fhuaimneachadh… |
| Am bi thu a' dol craicte mu ghlainead agus rudan a bhith an òrdugh? | Bu mhòr am beud nach bidh – gu mi-fhortanach ‘s ann mi-sgiobalta a tha m’rùm. |
| An robh thu a-riamh ann an Ameireagaidh a Deas no Afraga? | Cha robh mi nas fhaide na Menorca sa Spàinn – agus bha sin fhèin teth gu leòr dhòmhsa! |
| A bheil comas fighe agad? | Chan eil na. Dh’fheuch mi ri toll na mo phòcaid a chàradh trup, agus cha d’rinn mi ach fhighe dùinte… |
| An urrainn dhut poker a chluich? | An-dràsta sa a-rithist smaoinichidh mi gun urrainn, ach dearbhaidh m’sporran nach urrainn! |
| Am bi thu a' cur jewellery ort ? | Cha bhithidh na! |
| Cuin as fheàrr leat fras a ghabhail, sa mhadainn no feasgar? | Sa mhadainn, ach gabhaidh mi tè feasgar ma tha mi air a bhith a-muigh. |
| Cia mheud taigh anns a bheil thu air a bhith fuireach? | Dà thaigh, ach 4 flataichean ann an Glaschu (aon gach bliadhna) nuair a bha mi aig an oilthigh. |
| Na chuir thu a-riamh duine fo na h-amhach? | Cha d’chuir an aon-ghnòthaich... |
| Dè an cuspair-sgoile nach eil/nach robh a' còrdadh riut? | Bha càil sam bith le matamaigs gam chur dìreach droll. ‘S mi a bha toilichte cuidhteas fhaighinn dhe! |
| Cia mheud paidhir bhròg a th' agad? | Dà phàidhir a bhios orm gu tric, ach tha iomadh phàidhir eile ann nach d’shad mi às – th’iad a-nise airson a’ mhòine sa bhuntàta! |
| A bheil clàr no òran Britney Spears agad? | Cha chuir e iongnadh sam bith oirbh nach eil. |
| Na chuir thu a-riamh a-mach air beulaibh dhaoine? | Cha chan mi càil mus can mi cus. |
| Dè an soidhne Zodiac a th' agad? | Capricorn |
| Dè an dath as fheàrr leat? | Gorm |
| Cia mheud uaireadair a th' agad? | Aon – tha e air a bhith a’ dèanamh joba math |
| Dè a' chiad pheata a bh' agad? | Buidsidh beag – “Sonic” a bh’air – a bh’agam son ceala-deug mus do dh’fhàg cuideigin an uinneag fosgailte. |
| Dè am biadh as fheàrr leat son bracaist? | Bracaist slàn air bòrd soitheach CalMac! |
| Cuin a thuit thu mu dheireadh? | Aon thrup sa gheamhradh nuair a bha mi a’ coiseachd dhachaigh a dh’Anniesland ann an Glaschu – rinn mi car-a-mhuiltein san èadhar agus rinn na messages a bh’agam car-a-mhuiltein cuideachd! |
| A bheil thu a-riamh air "mum " a ghabhail air do thidsear? | Cho fad is ‘s aithne dhomh cha tug. |
| A bheil far-ainm ort? | Bha “Mohammed” orm son draoiseag sa sgoil nuair nach gabhadh m’ainm a thomhais aig dithis à Steòrnabhagh – ach chan eil e buileach “pc” an-diugh. |
| An toigh leat do ghruag/d' fhalt? | Ged a tha e a’ coimhead caran coltach ri na gruagan a bh’aig na hobbits ann an Lord of the Rings, thiud, tha e a’ dèanamh a’ chùis! |



